Poileasaidh Prìobhaideachd & Criomagan
Tha an sanas seo air a roinn ann an dà earrann:
- Fiosrachadh dhaibhsan a tha a’ tadhal air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.
- Fiosrachadh do dhaoine a chuireas fios thugainn.
Earrann 1 – Luchd-tadhail air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig
Dè am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh? Tha e an urra ri Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig agus bidh sinn a’ feuchainn ri leasachadh leantainneach a dhèanamh air an dòigh ’s a bheil sinn a’ dèanamh seo. Tha seo a’ toirt a-steach ath-bhreithneachadh cunbhalach a dhèanamh air an dòigh anns am bi sinn a’ conaltradh ann am meadhan sam bith, leis an làraich-lìn na stòr fiosrachaidh riatanach mun dòigh anns am bi sinn a’ lìbhrigeadh ar seirbheisean agus a’ coileanadh ar n-amasan.Cha bhi Bòrd na Gàidhlig a’ tional no a’ pròiseasadh fiosrachadh pearsanta sam bith mun fheadhainn a bhios a’ coimhead air an làraich-lìn againn ged a bhios sinn a’ cleachdadh staitistig bho chucaidhean, a tha air an aithris ann an cruth gun urra. Tha na h-aithisgean sin air an cleachdadh gus taic fiosrachaidh a thoirt do leasachadh na làraich-lìn agus gus piseach a thoirt air an dòigh ‘s a bheil an làrach-lìn againn ag obair. Tha barrachd fiosrachaidh mu chucaidhean gu h-ìosal.Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan mun làraich-lìn againn agus faodar seo a thoirt seachad tron fhoirm bheachdan againn, a chruinnicheas fiosrachadh pearsanta. Faic Earrann 2 airson tuilleadh fiosrachaidh.
Fiosrachadh mu Chucaidhean
Bidh sinn a’ cleachdadh grunn chucaidhean eadar-dhealaichte air an làraich againn. Gus faighinn a-mach dè th’ ann an cucaidhean, agus mar as urrainn dhut smachd a chumail orra no an toirt às, tadhail air www.aboutcookies.org airson stiùireadh mionaideach.Tha an liosta gu h-ìosal a’ toirt cunntas air na cucaidhean a bhios sinn a’ cleachdadh air an làraich seo agus carson a bhios sinn gan cleachdadh. An-dràsta tha poileasaidh ‘cead air fhilleadh a-steach’ againn a tha a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ gabhail ris gu bheil thu toilichte leis a’ chleachdadh seo. Mura h-eil thu toilichte, cha bu chòir dhut an làrach seo a chleachdadh, no bu chòir dhut na cucaidhean a dhubhadh a-mach às dèidh dhut tadhal air an làraich, no bu chòir dhut coimhead air an làraich a’ cleachdadh suidheachadh cleachdaidh gun urra do bhrabhsair (ris an canar “Incognito” ann an Chrome, “InPrivate” ann an Internet Explorer, “Brabhsadh prìobhaideach” ann am Firefox agus Safari msaa.)
Cucaidhean ciad phàrtaidh
Seo cucaidhean a tha air an stèidheachadh leis an làraich-lìn seo gu dìreach. SplitBee: Bidh sinn a’ cleachdadh SplitBee gus fiosrachadh a chruinneachadh mu ghiùlan luchd-tadhail air an làraich-lìn againn. Bidh SplitBee a’ stòradh fiosrachadh mu na duilleagan air am bi thu a’ tadhal, dè cho fada ’s a tha thu air an làraich, ciamar a thàinig thu ann agus cò air a bhriogas tu. Tha an dàta Analytics seo air a chruinneachadh tro tag JavaScript ann an duilleagan na làraich againn agus chan eil e ceangailte ri fiosrachadh air an tèid d’ aithneachadh gu pearsanta. Mar sin cha bhi sinn a’ tional no a’ stòradh d’ fhiosrachaidh phearsanta (m.e. do IP, ainm no seòladh) agus mar sin chan urrainnear am fiosrachadh seo a chleachdadh gus faighinn a-mach cò thu. Barrachd mu shuidheachadh Google air prìobhaideachd an co-cheangal ris an t-seirbheis anailis aige.Barrachd fiosrachaidh mu chucaidhean seisein agus carson a tha iad air an cleachdadh.
Cookie | Description | Duration | Type |
qtrans_front_language | This cookie is set by qTranslate WordPress plugin. The cookie is used to manage the preferred language of the visitor. | 1 year | Necessary |
lang | This cookie is used to store the language preferences of a user to serve up content in that stored language the next time user visit the website. | Functional |
Cucaidhean treas-phàrtaidh
Seo cucaidhean a chaidh a chur air an inneal agad le làraichean-lìn taobh a-muigh agus tha na seirbheisean aca gan cleachdadh air an làraich seo. Seo na putanan co-roinnidh air feadh na làraich a leigeas le luchd-tadhail susbaint a cho-roinn air lìonraidhean sòisealta. Tha cucaidhean an-dràsta air an suidheachadh le Twitter agus Facebook. Gus na putanan sin a chur an gnìomh, agus an ceangal ris na lìonraidhean sòisealta buntainneach agus làraichean taobh a-muigh, tha sgriobtaichean ag obair bho àrainnean taobh a-muigh ar làraich-lìn. Bu chòir dhut a bhith mothachail gu bheil na làraichean sin buailteach fiosrachadh a thional mu na tha thu a’ dèanamh air feadh an eadar-lìn, a’ toirt a-steach air an làraich-lìn seo.Bu chòir dhut sùil a thoirt air poileasaidhean fa leth gach aon de na làraichean sin gus faicinn ciamar a bhios iad a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad agus gus faighinn a-mach ciamar a dh’fhàgas tu, no a dhubhas tu às, am fiosrachadh sin.Dè am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh?Bidh na foirmean air-loidhne againn a’ tional ainm is seòladh puist-d, agus feumar teachdaireachd ghoirid a chur annta mus tèid an cur a-steach.Ciamar a thèid am fiosrachadh agam a chleachdadh?Thèid am fiosrachadh agad a chleachdadh airson do cheist a fhreagairt, no do bheachdan a thoirt fa-near. Bu chòir dhut a bhith mothachail gum faodadh suidheachadh èirigh far a bheil dhleastanas laghail air Bòrd na Gàidhlig, mar bhuidheann phoblach, am fiosrachadh agad a phròiseasadh ann an dòigh shònraichte, mar eisimpleir iarrtas airson fiosrachadh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 (FOISA). Nuair a thachras seo, thèid innse dhut gu soilleir anns a’ bhrath aithneachaidh don chonaltradh agad.Nuair a tha thu a’ faighneachd mu sheirbheis shònraichte, sgeama tabhartais no obair eile a tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh, thèid a’ cheist agad air adhart chun sgioba iomchaidh airson a phròiseasadh. Thoir fa-near gur dòcha gum feum thu tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad airson cuid de dh’iarrtasan, agus ann an cuid de chùisean, is dòcha gum feum sinn do chead airson tuilleadh pròiseasaidh. Is e aon eisimpleir gum faodadh gum bi againn ri do chur air liosta luchd-conaltraidh gus fiosrachadh a tha air a mheas mar stuth margaidheachd no sanasachd a chur thugad nach eil ri fhaighinn aig an àm a chuir thu ceist oirnn agus a thèid a chur a-mach san àm ri teachd. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn bho Shanas Prìobhaideachd na Liosta Conaltraidh againn.An tèid am fiosrachadh agam a thoirt do dhuine sam bith eile?Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, thèid a’ cheist no am beachd agad a thoirt don roinn as iomchaidh taobh a-staigh Bòrd na Gàidhlig airson a làimhseachadh.Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cleachdadh pròiseasairean dàta gus na seirbheisean làrach-lìn aca agus a’ mhòr-chuid de sheirbheisean IT a riaghladh às an leth. Cha toir sinn fiosrachadh pearsanta do threas pàrtaidhean gun do chead soilleir ach a-mhàin ma tha riatanas reachdail ann gus seo a dhèanamh no ma tha am pròiseasadh sin laghail air adhbhar eile.Dè thachras leis an fhiosrachadh agam nuair nach eil feum air tuilleadh?Bidh an ùine a bhios am fiosrachadh agad air a chumail an urra ri seòrsa agus nàdar na ceist agad ged a thèid a chumail an-còmhnaidh airson na h-ùine as giorra a tha comasach agus a rèir poileasaidhean glèidhidh Bòrd na Gàidhlig.Mar as trice bithear a’ cur às do cheistean coitcheann cho luath ’s a thèid dèiligeadh riutha, ach ma tha conaltradh a’ dol air adhart no ma dh’fheumas sinn faidhle fhosgladh, mar as trice thèid a chumail airson bliadhna bho cheann-latha a’ ghnìomh mu dheireadh mura feum a chumail air adhbhar sònraichte eile.Thoir fa-near, ged a bhios a’ chiad cheist agad air a phròiseasadh stèidhichte air do chead, gum faodadh sinn a bhith fo riatanas laghail a tha a’ ciallachadh gun cùm sinn a’ cheist agad airson ùine shònraichte, mar eisimpleir, far a bheil a’ cheist agad a’ tighinn fo FOISA. Tha seo cudromach a thaobh chòraichean a bhuineas ris an fhiosrachadh phearsanta agad, a tha air am mìneachadh gu h-ìosal.Ma tha ceist sam bith agad mu mar a tha d’ fhiosrachadh pearsanta air a phròiseasadh cuir fios thugainn.
Còraichean a bharrachd
Fo GDPR, tha grunn chòraichean agad a thaobh an fhiosrachaidh phearsanta agad. Tha a’ chòir agad:
- cead-inntrigidh iarraidh don fhiosrachadh phearsanta agad;
- ceartachadh iarraidh air an fhiosrachadh phearsanta agad, a’ ciallachadh gun tèid fiosrachadh ceàrr a chur ceart gun cus dàil;
- Iarraidh gun tèid am fiosrachadh pearsanta agad a dhubhadh às nuair a tha cumhachan sònraichte an sàs;
- pròiseasadh a chuingealachadh ann an suidheachaidhean sònraichte;
- cur an aghaidh pròiseasadh;
- so-ghiùlaineachd dàta ann an cuid de shuidheachaidhean.
Thèid iarrtasan co-cheangailte ri ceartachadh, cur às no cuingealachadh pròiseasaidh a thoirt do luchd-faighinn sam bith an fhiosrachaidh phearsanta agad. Gheibhear fiosrachadh mu luchd-faighinn fo na h-earrannan An Tèid am Fiosrachadh agam a Thoirt do Dhuine sam bith Eile?.Aig amannan chan urrainn do Bhòrd na Gàidhlig gèilleadh ri iarrtasan airson na còraichean gu h-àrd a chur an sàs. Ma thachras seo le iarrtas a nì thu, thèid innse dhut carson nach urrainn do Bhòrd na Gàidhlig gèilleadh ris an iarrtas agus thèid innse dhut mu roghainnean sam bith a th’ agad.Far a bheil d’ fhiosrachadh pearsanta air a phròiseasadh le cead, is e aon chòir eile a’ chòir do chead a tharraing air ais aig àm sam bith. Bu chòir dhut a bhith mothachail, ged a sguireas Bòrd na Gàidhlig a’ cleachdadh an fhiosrachaidh agad airson an adhbhair sin sa bhad, gur dòcha nach bi e comasach an-còmhnaidh fiosrachadh a thoirt air falbh bhon roinn phoblaich, mar eisimpleir far an deach a chleachdadh ann am foillseachaidhean ann an cruth cruaidh. Bu chòir dhut cuideachd a bhith mothachail nach eil an comas cead a tharraing air ais a’ buntainn ach ri fiosrachadh a thathar a’ meas mar rud pearsanta. Chan eil e a’ buntainn ri fiosrachadh mu bhuidhnean. Gheibh thu a-mach mar a tha am fiosrachadh pearsanta agad air a phròiseasadh gu laghail fo na h-earrannan Ciamar a Thèid am Fiosrachadh agam a Chleachdadh?. Faodaidh tu do chead a tharraing air ais aig àm sam bith airson d’ fhiosrachaidh a bhith air a chleachdadh air adhbharan margaidheachd.GearananMa tha thu mì-thoilichte leis an dòigh anns an do làimhsich Bòrd na Gàidhlig am fiosrachadh pearsanta agad, tha còir agad gearan a dhèanamh don Choimiseanair Fiosrachaidh, a tha a’ riaghladh reachdas dìon dàta air feadh na RA. Gheibhear am fios conaltraidh aca aig https://ico.org.uk/.
Fios Conaltraidh
’S e Bòrd na Gàidhlig an Rianadair Dàta (no an Rianadair) airson fiosrachadh pearsanta a tha air a chruinneachadh is a phròiseasadh airson a bhith a’ cumail liostaichean luchd-ùidh is liostaichean conaltraidh eile.Ma tha ceist sam bith agad mun fhiosrachadh anns an t-sanas phrìobhaideachd seo, cuir fios chun an neach a leanas sa chiad dol a-mach:Oifigear Dìon Dàta
Bòrd na Gàidhlig
Taigh a’ Ghlinne Mhòir
Rathad na Leacainn
Inbhir Nis IV3 8NW
oifis@gaidhlig.scot
01463 225454