ULLACHADH AN ATH PHLANA NÀISEANTA GÀIDHLIG A’ TÒISEACHADH

An-diugh, tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur air bhog ceisteachan air-loidhne airson beachdan a thrusadh air na bu chòir a bhith anns an ath Phlana Nàiseanta Ghàidhlig. Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig làithreach a’ ruith bho 2018 gu 2023, leis an dùil gun tèid am plana ùr fhoillseachadh ann an 2023.

Picture: A copy of the National Gaelic Language Plan 2018-2023 on a bollard outside the Scottish Parliament

’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ aig BnG fo Achd na Gàidhlig 2005 a bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gach còig bliadhna, mus tèid a chur do Mhinistearan na h-Alba a’ sireadh aonta.

Thathar ag amas air an ath dhreachd den PNG a chur a-mach airson co-chomhairle phoblach fad trì mìosan as t-Fhoghair 2021.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain agus Leasachaidhean Coimhearsnachd, “Aig an ìre seo tha sinn ag amas air beachdan a thrusadh bho dhiofar dhaoine air na prìomhachasan a th’ aca airson leasachadh na Gàidhlig thairis air na bliadhnaichean ri teachd.”

“Tha còmhraidhean cudromach a’ dol air adhart an-dràsta mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig agus tha an ceisteachan air-loidhne seo a’ toirt cothrom do dhaoine bho choimhearsnachdan air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail.”

“Bidh na toraidhean a’ toirt bunait làidir dhuinn airson an dreachd phlana fhèin a thèid a-mach gu co-chomhairle phoblach airson trì mìosan nas fhaide air adhart an ath bhliadhna, far am faigh daoine cothrom eile na beachdan aca a thoirt seachad.”

Fiosrachadh as ùire: Dhùin an ceisteachan seo ri freagairtean air an 25mh den Fhaoilleach 2021.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security