Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do dh’ùghdarrasan poblach airson 36 pròiseactan Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £413,000 a thoirt do 36 pròiseactan Gàidhlig mar phàirt de Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF).
’S e Comhairle nan Eilean Siar aon de ghrunn bhuidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ faighinn maoineachadh airson farsaingeachd de phròiseactan, nam measg duais de £20,000 gus clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aice.
Fhuair a’ Chomhairle cuideachd £12,000 airson bogadh ann an àrainneachd obrach Ghàidhlig a thoirt do dh’oileanaich a tha a’ dèanamh greis-gnìomhachais samhraidh ann am buidheann ionadail, agus £8,000 eile airson seiseanan cuimhneachaidh tron Ghàidhlig a chumail ann an dachaighean-cùraim. Am measg maoineachaidh eile bha £7,500 gus aoigheachd a thoirt do LUACH 2023 – fèis de thachartasan Gàidhlig air feadh Leòdhais agus na Hearadh.
Am measg nam buidhnean eile a tha a’ faighinn taic-airgid tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall, a fhuair £33,000 airson clasaichean Gàidhlig a thabhann air feadh nan Eileanan Siar. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air airgead fhaighinn gus oifigear fhastadh gus filmichean Cinema Sgìre a chur ann an cruth didseatach, agus tha Oilthigh Obar Dheathain air maoineachadh fhaighinn airson oifigear Gàidhlig fhastadh.
Chaidh obair Comhairle Baile Dhùn Èideann gus Gàidhlig a leasachadh aithneachadh le duais de £20,000 gus Capital Gaelic a leudachadh – pròiseact a tha ag amas air ceanglaichean a thogail eadar buidhnean Gàidhlig air feadh a’ bhaile.
Bidh Glaschu Beò a’ toirt na Ro-innleachd Ealainean Ghàidhlig aca air adhart airson na còigeimh bliadhna, far am bi a’ bhuidheann a’ brosnachadh prògram de thachartasan agus iomairtean às dèidh dhaibh duais £15,000 fhaighinn, a bharrachd air a bhith a’ toirt seachad trèanadh is cothroman leasachaidh do dh’oidean Gàidhlig. Tha Comhairle Baile Ghlaschu cuideachd air £7,000 de mhaoineachadh fhaighinn gus mapa Gàidhlig eadar-obrachail a chruthachadh den bhaile, agus £3,200 a bharrachd gus teagasg Gàidhlig a thoirt do luchd-obrach na comhairle.
Agus ann an àiteachan eile, bidh Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè a’ faighinn buannachd bho chòrr is £1,350, a thèid a chur a dh’ionnsaigh lìbhrigeadh chuirmean is thaisbeanaidhean Gàidhlig do mhuinntir Dhùn Dè, agus tha Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh air £5,750 fhaighinn airson sgrùdadh air luach dualchas na Gàidhlig.
Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav an seo.
Thèid taic a chumail ri pròiseactan eile a rinn iarrtas tro GhLAIF tron bhliadhna.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha a’ chuairt as ùire de mhaoineachadh GLAIF a’ sealltainn cho mòr ’s a tha ruigsinneachd Bhòrd na Gàidhlig agus sinn a’ feuchainn ri àrd-ùrlar leasachaidh ùr a thoirt dhan Ghàidhlig, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan, ach air feadh na h-Alba.
“Tha farsaingeachd nan tabhartasan air feadh na dùthcha a’ nochdadh an dealais aig iomadh comhairle agus buidheann gus fàs a thoirt air a’ chànan agus a thoirt gu luchd-èisteachd gu tur ùr a bharrachd air a bhith a’ cumail taic ris na coimhearsnachdan Gàidhlig a tha ann mar-thà. Tha an t-seòrsa maoineachaidh seo fìor chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil eachdraidh bheairteach a’ chànain air a glèidheadh agus na buannachd do dhaoine de gach aois.”
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 07584 103 944.
Beachdan bho chom-pàirtichean
Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè
Thuirt neach-labhairt airson Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè: “Tha Cur-seachad is Cultar Dhùn Dè taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson a bhith a’ cumail oirnn a’ toirt taic do na cuirmean-ciùil Gàidhlig aig àm-lòin ann an Talla Marryat, a’ toirt cothrom dhuinn na seinneadairean is luchd-ciùil òga as fheàrr a thoirt a-steach gus seinn agus gus an soirbhich a’ Ghàidhlig tro cheòl tlachdmhor.”
Comhairle nan Eilean Siar
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean air leth toilichte £8k fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus pròiseact a lìbhrigeadh co-cheangailte ri Taigh Shìophort agus Cùirt Bremner, an àrainn cùraim ùr a thathar a’ togail ann an Steòrnabhagh. Tha ‘Sùil air Ais, Sùil air adhart’ ag amas air tachartasan cuimhneachaidh mìosail a lìbhrigeadh do luchd-còmhnaidh agus bheir e cothrom a bhith a’ ceannach stuthan ceangailte ris na h-eileanan gus cuimhneachain is còmhraidhean a bhrosnachadh. Tha e cudromach an cànan labhairteach a chumail suas agus bheir Sùil air Adhart taic do luchd-obrach nas òige gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus adhartachadh am measg luchd-còmhnaidh/teanantan agus am measg luchd-obrach.”
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Ann an 2021-22 chlàraich còrr is 80 oileanach air cùrsaichean Gàidhlig air an lìbhrigeadh le OGE Innse Gall, agus tha sinn air leth toilichte, le taic Bhòrd na Gàidhlig, gun urrainn dhuinn cumail oirnn a’ tabhann chothroman airson Gàidhlig ionnsachadh ann an coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar. Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn clasaichean a thabhann ann an 2022-23 ann an sgìrean leithid Barraigh, Beinn na Faoghla, an Tairbeart agus Barbhas a bharrachd air cùrsaichean aig an àrainn againn ann an Steòrnabhagh agus cuideachd air-loidhne.
Thuirt Sue NicPhàrlain, Prionnsapal Eadar-amail UHI Innse Gall: “Tha dealas aig UHI Innse Gall a bhith a’ cur ri cothroman ionnsachadh is cleachdaidh dhan Ghàidhlig agus tha taic leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig agus obair com-pàirteachais le Ionnsachadh Coimhearsnachd Innse Gall a’ toirt cothrom dhuinn raon farsaing de chùrsaichean a thabhann. Tha sinn gu sònraichte toilichte gun urrainn dhuinn cùrsaichean Gàidhlig a thabhann an-asgaidh do phàrantan agus luchd-cùraim chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean ann a bhith a’ toirt taic do bhuileachadh amasan agus builean Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”
Comhairle Baile Ghlaschu
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Ghlaschu: “Tha prògram Ealainean Gàidhlig Ghlaschu Beò, air taic dhaingeann leantainneach fhaighinn tro GhLAIF, agus tha sinne, a’ choimhearsnachd againn, luchd-ealain Gàidhlig agus an luchd-amais air leth taingeil airson seo. Ann an 2022/23 tha sinn a’ leantainn air adhart a’ cur ri susbaint Ghàidhlig aig prìomh fhèisean Ghlaschu Beò, Aye Write, Merchant City Festival, Celtic Connections agus am Mela a bharrachd air a bhith ag obair le raon farsaing de chom-pàirtichean gus an fharpais litreachais – Litir gu Glaschu (Comhairle nan Leabhraichean) a lìbhrigeadh; bùthan-obrach dràma coimhearsnachd agus cuirmean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail (Tricky Hat Theatre Company); 12 seachdainean de dh’obair-buidhne do luchd-ciùil òga (Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu); a’ dealbhadh modail ùr airson Glaschu.net (Oilthigh Ghlaschu) le buidheann-stiùiridh ùraichte; a’ cur taic ri buidhnean mar Cheòl ’s Craic agus Fèis Ghàidhlig Ghlaschu anns a’ cho-theacs ùr às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte; a’ toirt a-steach pròiseact leasachaidh luchd-amais ùr Trobhadaibh agus a’ leantainn air adhart leis a’ phrìomh phròiseact coimhearsnachd cleachdaidh againn GUIR!”
Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Thuirt Alistair Bell, Ceannard Thasglann nan Dealbhan Gluasadach, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: “Bha sinne aig Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn tabhartas bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha am pròiseact seo na chom-pàirteachas le Museum is Tasglann nan Eilean, a tha na phàirt de Chomhairle nan Eilean Siar. Còmhla, cleachdaidh sinn am maoineachadh gus cruinneachadh sònraichte de chlàran bhidio anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn a chur ann an cruth didseatach agus a chlàradh, agus gus an stuth a cho-roinn leis a’ phoball, an dà chuid aig tachartasan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar agus tro Thasglann nan Ìomhaighean Gluasadach. Chaidh na bhidiothan fhilmeadh le muinntir an àite anns na 1970an is 80an ann am pròiseact coimhearsnachd, Cinema Sgìre . Taing mhòr do Bhòrd na Gàidhlig airson am pròiseact seo a chur an comas.”
Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Thuirt Cathraiche Comataidh Coimhearsnachdan na Comhairle, Archie Dryburgh, aig Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh gun robh a’ Chomhairle air leth toilichte maoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig gus taic a thoirt do Sgrùdadh air Luach Dualchais na Gàidhlig san sgìre. Thuirt an t-Iar-chathraiche, John Campbell: “Chaidh an cothrom inntinneach seo a chomharrachadh tron chom-pàirtiche againn san Treas Roinn, Gàidhlig Dumgal agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha san àm ri teachd gus am pròiseact seo a thoirt air adhart.”
Oilthigh Obar Dheathain
Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Obar Dheathain: “Tha Oilthigh Obar Dheathain fìor thoilichte gun d’fhuair sinn £24,000 bho mhaoin GLAIF Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifigear Gàidhlig brosnachail dìcheallach fhaighinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ toirt air adhart gnìomhan àrd-amasach a’ Phlana Ghàidhlig againn agus a bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean Gàidhlig a fìor mhath do choimhearsnachd Oilthigh Obar Dheathain.”
Comhairle Baile Dhùn Èideann
Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann: “Tha sinn taingeil airson na taic leantainnich bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha sinn air leth toilichte £20,000 fhaighinn gus Capital Gaelic a thoirt air adhart barrachd. Tha am pròiseact seo ag amas air dòigh-obrach com-pàirteachais cho-òrdanaichte agus chruthachail a chruthachadh gus a’ Ghàidhlig a shuidheachadh mar phàirt bheothail de bheatha Dhùn Èideann. Tha seo ga dhèanamh le bhith a’ dèanamh pìleat de dh’obair eadar-bhuidhneach leis a’ Chomhairle agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ gairm buidheann ioma-bhuidhneach gus cothroman a chomharrachadh, eòlas agus sgilean a cho-roinn agus cumadh a thoirt air lèirsinn dhan Ghàidhlig sa bhaile san àm ri teachd.”
Rinneadh an t-adhartas a leanas anns na sia mìosan mu dheireadh: A’ cruthachadh duilleag Facebook Capital Gàidhlig; a bhith a’ stèidheachadh Buidheann Coimhearsnachd Gàidhlig anns a bheil luchd-obrach bho gach buidheann lìonraidh a tha an sàs ann (Comhairle Baile Dhùn Èideann, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Comunn na Gàidhlig, Sgilean Leasachadh Alba , Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba); ceanglaichean nas treasa ri sgoiltean a’ cleachdadh bheachdan sgoilearan air na tha iad airson a choileanadh: Ar Guth (Buidheann Guth nan Sgoilearan, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig) agus a bhith a’ cruthachadh Bun-phreantasachd ann an co-obrachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba.
Buidhnean a fhuair Maoineachadh
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Comhairle na Gàidhealtachd
Comhairle Baile Dhùn Èideann
Oilthigh Obar Dheathain
Comhairle nan Eilean Siar
Glaschu Beò
Oilthigh Ghlaschu
Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar
Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath
Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh
Comhairle Baile Ghlaschu
NàdarAlba
Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Comhairle Aonghais
Sabhal Mòr Ostaig
Comhairle Mhoireibh
COSLA
Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè