Taic mhaoineachaidh do phròiseactan a tha a’ cur ri dàimhean eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge!
Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte a ràdh gun deach an sgeama Colmcille fhosgladh do dh’iarrtasan airson pròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 1 Giblean agus 31 Dùbhlachd 2024.
’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ anns an sgeama Colmcille agus chaidh a stèidheachadh gus conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge a bhrosnachadh.
Faodar iarrtas a chur a-steach airson suas gu £12,500 de mhaoineachadh airson pròiseact a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.
Tha sgeama am-bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chumail ri phròiseactan a bhios:
- A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig is na Gaeilge tro na h-ealain
- A’ cleachdadh dualchas gus coimhearsnachdan Gàidhlig/Gaeilge a thoirt còmhla agus gus inbhe nan cànanan a thogail
- A’ toirt luchd-labhairt òga na Gàidhlig is na Gaeilge còmhla tro thachartasan no pròiseactan/turasan sgoile
- A’ brosnachadh conaltradh agus a’ sgaoileadh eòlas agus deagh chleachdaidhean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge
Tha an sgeama seo fosgailte gus 3f air Diardaoin 20 Gearran 2024.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu riaghailtean na sgeama agus iarrtasan an seo.