Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh beachdan air a’ Phlana Leasachaidh Ionadail Linne Mhoireibh A-staigh. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-staigh dhan cho-chomhairle.
“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ chothrom comhairle a thoirt seachad mu Phlana Leasachaidh Ionadail Linne Mhoireibh a-staigh. Thathas ag aithneachadh barrachd is barrachd gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig a’ cur ri fàs eaconamach, agus leis gur e a’ Ghàidhealtachd, a’ gabhail a-steach Linne Mhoireibh A-staigh, aon de na prìomh raointean Gàidhlig ann an Alba, tha cothroman nach beag ann cur ri tuilleadh leasachaidh tron Ghàidhlig agus airson na Gàidhlig. Mar eisimpleir, sheall Cunntas-sluaigh 2011 gu robh sgilean Gàidhlig aig 6.6% de luchd-còmhnaidh Inbhir Nis aois 3 agus nas sine. Tha sin a’ tighinn faisg air ceithir tursan nas àirde na a’ chuibheasachd Albannach (1.7%). Agus, tha mòran ainmean-àite ann an Linne Mhoireibh A-staigh sa Ghàidhlig no a’ tighinn bhon chànan.
Faodar gabhail ris a’ chothrom seo le bhith a’ toirt iomradh air Gàidhlig ann an grunn àiteachan san sgrìobhainn agus le bhith a’ dèanamh tar-iomradh air Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd fhèin.”
Leugh tuilleadh an seo. Gheibh sibh liosta de fhreagairtean de cho-chomhairlichean bho Bhòrd na Gàidhlig an seo.