Tha Sgeama nan Tabhartasan Foghlaim air Fhosgladh do dh’Iarrtasan
Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte innse gun deach sgeama nan Tabhartasan Foghlaim fhosgladh do dh’iarrtasan an t-seachdain-sa.
Chaidh an sgeama seo stèidheachadh gus taic a chumail ri daoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh dreuchd fhaighinn mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na sgilean aca a leasachadh.
Tha taic ri fhaotainn airson cìsean cùrsaichean freagarrach, mur eil thu airidh air taic bho SAAS airson seo, agus tha tabhartas cosgaisean bith-beò ri fhaighinn cuideachd.
Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?
- Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
- Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no
- Luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig
Dùnaidh an sgeama seo aig 3f air Dimàirt 3 Sultain 2024 agus feumaidh iarrtasan a bhith a-steach againn ron ceann-là sin.