Suirbhidh Ùr a’ Coimhead air Cleachdadh na Gàidhlig Air-loidhne am Measg Òigridh
Aig tòiseach na bliadhna chaidh suirbhidh ùr a chumail le Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-àiteachean far a bheil daoine òga eadar 11 is 26 bliadhna a dh’aois a’ faicinn is a’ cleachdadh na Gàidhlig air-loidhne agus mun t-susbaint Ghàidhlig a thathar airson faicinn nas trice. Chaidh an t-suirbhidh air-loidhne a chumail eadar an Dùbhlachd 2021 agus an Giblean 2022, dìreach mar a chaidh a dhèanamh an-uiridh agus thug seo an cothrom do Young Scot coimeas a dhèanamh eatarra.’’
Chaidh 1,153 freagairt slàn a chur a-steach am-bliadhna, àrdachadh de 437 bhon uiridh. Am measg na fhreagair an t-suirbhidh, thuirt 61.1% dhiubh nach eil Gàidhlig aca, thuirt 32.8% gu bheil iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus thuirt 6% gu bheil iad nan luchd-labhairt fileanta. Ged a bha ceistean diofraichte aig na daoine òga ri freagairt a rèir an ìre fileantais a bh’ aca, bha an aon dà cheist aca uile ri freagairt aig deireadh na suirbhidh;
- Dè cho luachmhor ’s a tha a’ Ghàidhlig?
- Dè cho luachmhor ’s a tha cultar agus dualchas na Gàidhlig?
Nuair a chaidh iarraidh orra na ceistean seo a fhreagairt, thuirt còrr is dà thrian (69.7%) dhiubh gu bheil a’ Ghàidhlig fhèin na rud luachmhor no glè luachmhor agus thuirt faisg air trì cairteal (72.2%) dhiubh gu bheil cultar is dualchas na Gàidhlig luachmhor no glè luachmhor. Abair togail dhuinn uile a tha sin!
Thuirt faisg air trì cairteil (74%) de dhaoine òga gum bu toil leotha barrachd susbaint Ghàidhlig fhaicinn air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta cuideachd agus ’s e Instagram (74.1%), TikTok (70.5%) agus YouTube (64.6%) na h-àrd-ùrlaran as mòr-chòrdte leotha.
Chaidh aithisg nan toraidhean fhoillseachadh aig toiseach an t-Ògmhìos agus faodar sin a leughadh air làrach-lìn chorporra Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-adhbharan a th’ aig daoine òga airson Gàidhlig ionnsachadh, an t-susbaint air-loidhne a tha a’ còrdadh riutha agus na faireachdainnean a th’ aca mun Ghàidhlig.