Stiùiriche Foghlaim Ùr aig Bòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Jennifer McHarrie fhastadh mar Stiùiriche Foghlaim agus gum bi i a’ tòiseachadh san dreuchd seo 05 Dùbhlachd 2022. Bidh Jennifer os cionn sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig agus ag obair leotha gus poileasaidhean foghlam a’ Bhùird a stiùireadh. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba a thaobh Foghlam na Gàidhlig, ag obair còmhla ri ùghdarrasan foghlaim agus buidhnean eile a tha an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam gus amasan a’ Bhùird a thoirt gu buil, agus bidh Jennifer os cionn na h-obrach a nì am Bòrd gus an Stiùireadh Reachdail a chur an gnìomh leis na buidhnean eadar-dhealaichte.
A’ fuireach ann an Cair MoLuaig, tha an t-uabhas de dh’eòlais aig Jennifer san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich co-cheangailte ri cànan is foghlam. Cheumnaich i ann an Oilthigh Ghlaschu le Ceum ann an Fraingis is Eòlais-Hiospanach. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig mar inbheach tro dhiofar chùrsaichean nam measg clasaichean-oidhche ann an Glaschu agus Siorrachd Lannraig, an Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus chur i crìoch air Bliadhna Bogaidh Oilthigh Ghlaschu o chionn ghoirid far an do choisinn i àrd-urram.
Bidh Jennifer a’ tighinn thugainn bho Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, far a bheil i air a bhith ag obair fad 10 bliadhna. Na dreuchd mar Cho-òrdanaiche Theisteanasan, bha i ag obair air measgachadh de phròiseactan co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig leithid a bhith a’ coileanadh nan gealltanasan foghlaim ann am Plana Gàidhlig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba agus a’ co-òrdanachadh agus a toirt fàs air solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha i air a bhith ag obair gu dlùth le tidsearan agus le ùghdarrasan ionadail ann an roinnean àrd-sgoile, Foghlam Adhartach, Foghlam Àrd-Ìre agus Leasachadh agus Ionnsachadh Coimhearsnachd. Tha tuigse mhath aice air suidheachadh toinnte an fhoghlaim a bharrachd air Planadh Cànain agus Poileasaidhean aig ìre nàiseanta.
Tha i air leth taiceil do dhà-chànanachas agus dreuchdan eile air a bhith aice mar Mhanaidsear Phròiseactan Eadar-theangachaidh agus na Neach-taice Beurla ann an taobh a tuath na Spàinne.
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “ Tha sinn air leth fortanach gu bheil cuideigin le eòlas cho farsaing gu bhith a’ neartachadh obair sgioba foghlaim Bhòrd na Gàidhlig. Gu sònraichte aig an àm seo, bidh sin a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail agus na buidhnean eile gus na buannachdan aig FtG fhaighinn sna sgìrean aca agus a bhith a’ coileanadh amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig.”