Sgeama Tabhartasan Foghlaim do dh’Oileanaich Teagaisg fosgailte a-rithist
Tha tidsearan Gàidhlig a tha air taic fhaighinn bho sgeama nan Tabhartasan Foghlaim air a bhith ga mholadh gu mòr, agus e fosgailte a-rithist am-bliadhna do thagraichean ùra.
Tha am pròiseact air a mhaoineachadh agus air a ruith le Bòrd na Gàidhlig ri linn ’s gum feumar barrachd a dhèanamh son coinneachadh ris an iarrtas a tha sìor dhol am meud airson foghlam tro mheadhan na cànain air feadh na dùthcha.
Chuireadh fàilte a-nis air iarrtasan bho dhaoine a tha dèanamh for-cheum ann am foghlam, bun-sgoil no àrd-sgoil, agus bho dhaoine a tha ann an cùrsaichean foghlaim is Gàidhlig aig ìre fo-cheum.
Tha taic £500 / £1,000 ri fhaighinn, a thuilleadh air taic airson cosgaisean cùrsa, suas gu £1,820 ma tha sin a dhìth.
Beachdachaidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd air iarrtasan bho thidsearan a tha ann an dreuchd an-dràsta ach a tha airson gluasad a-nall gu foghlam Gàidhlig, no bho dhaoine a tha airson cùrsa Gàidhlig a dhèanamh son dreuchd ùr fhaighinn mar thidsear Gàidhlig. Tha an ìre taice a tha ri fhaighinn a rèir nan diofar shuidheachaidhean.
Chaidh taic a thoirt do 33 oileanaich-teagaisg an-uiridh agus thatar an dòchas gum bi an àireamh sin a cheart cho àrd, no nas àirde, am-bliadhna.
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “’S e sgeulachd shoirbheachais a th’ ann am foghlam Gàidhlig agus tha sin ag adhbharachadh gu bheil barrachd is barrachd thidsearan a dhìth. Tha am Bòrd air an sgeama seo a ruith thairis air na bliadhnaichean gus taic a chumail ri daoine a tha airson a bhith nan tidsearan. Tha Joanne McHale, a tha na h-oifigear leasachaidh (Tidsearan) a’ dèanamh obrach leis na h-oileanaich agus na h-oilthighean is colaistean gus barrachd a thàladh gu teagasg agus tha ise tuilleadh is dèonach bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an teagasg.”
Tha fìor eisimpleirean ann mu cho feumail is a tha an sgeama a tha seo. Am measg na feadhna a fhuair taic an-uiridh, bha Alison Ni Dhorchaidhe bho Bhaile Àtha Cliath, a tha a-nis ag obair aig Àrd-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
“Bha mi riamh airson teagasg a dhèanamh ach bha an obair a bha mi dèanamh le Comunn na Gàidhlig ron a seo (oifigear òigridh) a’ còrdadh rium cho mòr,” thuirt i. “Ach beag air bheag thàinig am miann air ais thugam agus bha mi ag iarraidh a dhèanamh. ’S e Beurla agus Gaeilge na cuspairean a bh’ agam san oilthigh agus rinn mi beagan Gàidhlig, ach cha robh gu leòr agam son a dhol a theagasg.
“Bha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ sireadh cuideigin son Beurla a theagasg. Chuir mi a-staigh airson a’ chùrsa agus a’ mhaoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig agus bha iad gu math taiceil.
“Fhuair mi an t-airgead agus a dh’innse na fìrinn cha b’ urrainn dhomh a bhith beò às aonais fad bliadhna. Tha fios agam air caraidean eile agus cha robh acasan ach iasad oileanach agus bha iad a’ strì ri bhith beò. Le sin bha taic Bhòrd na Gàidhlig uabhasach feumail dhòmhsa bhon cha leiginn a leas tuilleadh ’s a chòrr dragh a ghabhail mu airgead.”
Bha Lauren Stiùbhart (24) anns an aon seòrsa suidheachaidh. Bha i ag obair fad bhliadhnachan ann an Sgoil-àraich a’ Ghearasdain, gus an tug sgeama maoineachaidh BnG an cothrom dhi a dhol a-steach do theagasg. Tha i a-nis dol a thòiseachadh ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu às dèidh nan saor-làithean.
“Bha mi airson cùrsa PDGE a dhèanamh agus bhruidhinn mi ri ceannard na sgoile,” thuirt i. Thuirt e gum bu chòir dhomh bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig; gum biodh taic acasan ’s dòcha a gheibhinn. Bhruidhinn mi ri Joanne McHale bho Bhòrd na Gàidhlig; tha oifis aicese anns an aon sgoil. Thuirt i seach gu bheil mi air a bhith mach às an sgoil airson ùine, agus gu bheil mi air a bhith ag obair làn-ùine, gum faodadh mi cur a-staigh airson tòrr airgid agus bha sin gu math cuideachail.”
Seach gun robh Lauren air a bhith ag obair ùine mu thràth, fhuair i £5,000 uile-gu-lèir.
“Bha mi air a bhith ag obair son seachd bliadhna agus dìreach dol a stad airson an cùrsa a dhèanamh, bha e gu bhith doirbh,” thuirt i.
“Tha thu cho trang leis a’ chùrsa agus bha e uabhasach doirbh airgead fhaighinn. Cha robh mi ag obair fad bliadhna agus às aonais airgead bho Bhòrd na Gàidhlig chanainn gum biodh e air a bhith uabhasach doirbh dha-rìribh a dhèanamh.”
Airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn an sgeama cuir fios gu Joanne McHale joanne@gaidhlig.scot
Gheibhear fiosrachadh mun sgeama air http://www.gaidhlig.scot/gd/bord/fundraising/