Seisean-fiosrachaidh mu FtMG

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant air seisean fiosrachaidh air-loidhne a chuir air dòigh far an ionnsaich thu mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtMG) bho luchd-cleachdaidh a tha a’ lìbhrigeadh a’ churraicealaim gach latha.
Tha an seisean seo ag amas air teaghlaichean a tha a’ beachdachadh air FtMG airson an cuid chloinne agus a tha airson barrachd ionnsachadh mu na roghainnean a tha rim faotainn dhaibh. A dh’aindeoin sin, bidh an seisean fosgailte do neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh mu FtMG.
Bidh fiosrachadh ri fhaighinn mu FtMG aig gach ìre agus ’s e deagh chothrom a bhios ann cluinntinn bho dhaoine a tha ag obair ann an diofar dhreuchdan thar diofar Ùghdarrasan Ionadail agus ceistean a chur orra.
Thèid a’ choinneamh a lìbhrigeadh air Microsoft Teams, ach chan fheum cunntas a bhith agaibh airson a thighinn ann.
Lorgar barrachd fiosrachaidh agus faodar clàradh air Eventbrite an seo.