Ro-innleachd Ùr Seargadh-inntinn – Co-chomhairle
Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air ro-innleachd ùr airson seargadh-inntinne. Is e pàipear deasbaid a tha seo a chaidh a leasachadh gus daoine a chuideachadh gus dèiligeadh ri poileasaidh seargadh-inntinn san àm ri teachd ann an Alba.
Am measg nam puingean a thog Bòrd na Gàidhlig:
Thathar ag aithneachadh sa chumantas gum faod luchd-labhairt dùthchasach cànain a dhol air ais gu ìre mhòr no uile gu lèir dhan chànan mhàthaireil aca nuair a thig seargadh-inntinn orra an toiseach. Dh’fhaodadh gun cuir iad faclan den aon chiall ann an cànan as aithne dhaibh nas fheàrr an àite faclan (mar eisimpleir, sa Bheurla).
Ann an cuid de shuidheachaidhean, ’s e Gàidhlig a bhios ann agus dh’fhaodadh gun toir seo fìor dhroch bhuaidh air daoine an uair sin mura h-eil Gàidhlig ga bruidhinn leis a’ mhòr-chuid de dhaoine mun cuairt orra.
Tha cànan na phàirt bhunaiteach de bhith daonna. Mura h-eil ach beagan dhaoine no mura h-eil duine sam bith mun cuairt ort a’ tuigsinn a’ chànain a tha air fhàgail agad, dh’fhaodadh seo aonaranachd, breisleach, sàrachadh, no trom-inntinn adhbharachadh. Chan urrainn dhut rudan sìmplidh innse do dhaoine mar dè bu toigh leat ithe no dèanamh (m.e. dol a-mach air cuairt) agus, a cheart cho cudromach, do smuaintean is faireachaidhean a chur an cèill.
Thathar ag aithneachadh sa chumantas gum faod a’ chomas bruidhinn anns a’ chànan thaghte aig daoine (m.e., Gàidhlig) a’ cur gu mòr ri sunnd aig amannan tinneis no iomagain. Tha e cuideachd a’ dèanamh cinnteach à co-ionnannachd làimhseachaidh.
Tha an fhaotainneachd a th’ ann de chothroman bruidhinn anns a’ Ghàidhlig na eisimpleir soilleir de na tha an co-chomhairleachadh ag ràdh na “dh’fheumas sinn uile a dhèanamh còmhla gus dèanamh cinnteach gun tèid taic a chumail ri daoine le seargadh-inntinn agus an teaghlaichean/luchd-cùraim beatha math a bhith aca, ann an dòigh a fhreagras orra fhèin” (le cuideam). Bu chòir fa-near a thoirt dha seo anns a’ Phlana ùr.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.