Ro-innleachd Ùr air Àrainneachd Eachdraidheil
Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhaile leis a’ bhuidheann poblach Àireanneach Eachdraidheil Alba air an ro-innleachd ùr aca. Am measg na puingean a chaidh a-steach ann, bha:
Is e ar dualchas – so-bheantainn no do-bheantainn, cultarail no nàdarra – an goireas a leigeas leinn buannachdan a chruthachadh agus ar cinn-uidhe a ruigsinn”. Bu chòir don Ro-innleachd a ràdh gu bheil dualchas do-bheantainn a’ gabhail a-steach cànan, agus an cultar co-cheangailte ris: a’ ciallachadh gu bheil a’ Ghàidhlig, mar eisimpleir, na maoin dualchais do-bheantainn nàiseanta.
Mar sin, tha a’ Ghàidhlig “a’ cuideachadh le bhith ag innse sgeulachd na h-Alba don t-saoghal”. Tha i deatamach airson gun tuig sinn an cruth-tìre, an cultar, agus an comann-sòisealta co-cheangailte ri mòran sgìrean ann an Alba, a’ gabhail a-steach ainmean-àite agus feartan topografach.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.