Ro-innleachd nan Coimhearsnachdan airson Coilltean agus Fearann Nàiseanta na h-Alba – Dreachd airson Co-chomhairle.

Tha Coilltearachd agus Fearann Alba a’ sireadh bheachdan air an dreachd Ro-innleachd Choimhearsnachdan aca. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach anns a bheil na puingean a leanas:
“Tha làn-chumhachdachadh choimhearsnachdan tro bhith a’ brosnachadh com-pàirt coimhearsnachd a barrachd an urra ri conaltradh èifeachdach le gach seòrsa coimhearsnachd – a dh’fheumas conaltradh sa Ghàidhlig ri coimhearsnachdan Gàidhlig a ghabhail a-steach.”
“Bu chòir do Phlanaichean Stiùiridh Fearainn na h-ainmean Gàidhlig tùsail a ghabhail a-steach anns na raointean ris a bheil iad a’ buntainn, agus mar sin a’ sealltainn an dlùth-cheangail eadar fearann, cànan agus daoine. Bidh seo cuideachd a’ meudachadh faireachdainn com-pàirt luchd-labhairt na Gàidhlig sa phròiseas co-chomhairleachaidh.”
Faodar am freagairt slàn fhaighinn an seo.