Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ co-chomhairleachadh air dreachd phlana gus bunait fianais co-ionannachd na h-Alba a leasachadh agus a neartachadh. Cuidichidh na freagairtean a gheibh iad tron cho-chomhairle seo mar bhunait airson Ro-innleachd Fianais Co-ionannachd ùr na h-Alba.
Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle seo anns a bheil na puingean a leanas.
Tha sinn a’ toirt fa-near nach eil na buidhnean le feartan dìonta agus na caochladairean co-ionannachd a’ gabhail a-steach luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin, chan eil beachdachadh air a bheil neo-ionannachdan sònraichte mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig.
Tha leth-bhreith air a bhith mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-eachdraidheil agus, gu ìre, tha e fhathast mun coinneamh an latha an-diugh. Tha beachdan air a bhith ann san àm a dh’fhalbh agus tha fhathast an latha an-diugh – an dà chuid anns na meadhanan sòisealta agus anns na meadhanan clò gu sònraichte – anns a bheil nàimhdeas dhan chànan agus a luchd-labhairt ga chur an cèill. Mar sin, tha leth-bhreith an aghaidh na Gàidhlig agus a luchd-labhairt ann fhathast.
Le seo, tha sinn a’ meas gu bheil an Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd a’ toirt seachad cothrom airson barrachd cunbhalachadh/seasmhachd de dhòighean-obrach. Gu sònraichte, bu chòir beachdachadh a dhèanamh air a’ chùis gum bi a’ Ghàidhlig ann an lùib a’ mheasaidh air co-ionannachdan.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.