Rannsachadh air Solar Tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3)

Tha Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air solar tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3) agus an-diugh chaidh an aithisg fhoillseachadh air ar làrach-lìn.
Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le an t-Oll. Wilson MacLeòid agus tha e air raon farsaing de chùisean ann a bheir buaidh air solar tràth-bhliadhnaichean ainmeachadh san aithisg. Tha an t-Oll. MacLeòid cuideachd air grunn mholaidhean airson leasachadh san roinn ainmeachadh, a’ gabhail a-steach na tha san amharc airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri solar Gàidhlig tràth-bhliadhnaichean tro Bhile nan Cànan Albannach.
Thuirt Jennifer MacHarrie, Stiùiriche Foghlam Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an rannsachadh seo a chaidh a choimiseanadh gus measadh a dhèanamh air na h-iomairtean a tha a’ dol an-dràsta san raon seo. Tha an aithisg a’ toirt a-steach mholaidhean do dh’iomadh bhuidheann a tha an sàs san roinn airson solar nas fheàrr agus nas cunbhalaiche a thoirt gu bith.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis ar com-pàirtichean gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, gu sònraichte aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Ma thèid pàiste an sàs leis a’ chànan aig ìre thràth, ’s ann nas dualtaiche a bhios iad na comasan cànain aca a leasachadh gu àrd-ìre agus ùidh fad-beatha a thogail.“