Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach
Anns a’ Ghearran 2023 chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle – Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach le Pàrlamaid na h-Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:
’S e aon de na Prìomh Teachdaireachdan ann an Aithisg an Rannsachadh Com-pàirteachaidh Poblach gum feum “Pàrlamaid na h-Alba barrachd a dhèanamh gus innse do dhaoine mun obair chosnachaidh agus chom-pàirteachaidh aice”. Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh sàr obair Oifigear na Gàidhlig aig a’ Phàrlamaid ach dh’fhaodadh barrachd a bhith a bhith air a dhèanamh gus co-ionannachd com-pàirteachaidh a dhèanamh cinnteach do luchd-labhairt na Gàidhlig. Bhiodh e a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur cuideam air comas Gàidhlig a chleachdadh ann a bhith a’ freagairt ris na Pàrlamaid ann an sgrìobhadh no a’ toirt seachad fianais beòil. Bhiodh cleachdadh na Gàidhlig ann an cosnachadh a’ meudachadh ùidh agus com-pàirteachas le luchd-cleachdaidh na Gàidhlig – an dà chuid am measg buidhnean agus luchd-fa-leth.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.