Pròiseact sgoiltean ‘Buaidh, Dòchas is Àrd-amas’ air fhoillseachadh gus an 275mh ceann-bliadhna de Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain a chomharrachadh

Picture: A crowd of men reenacting a battle, all wearing kilts and tweed flatcaps and charging forwards in a field with shields and swords

Tha clann eadar 10 agus 17 bliadhna a dh’aois a’ faotainn cuireadh gu com-pàirteachadh ann am pròiseact ùr-nodha a tha a’ comharrachadh an 275mh ceann-bliadhna de Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain.

Mar ghnìomhachd fìor fhreagarrach do ionnsachadh san dachaigh, gabhar ri innteartan ann an cruth rosg, bàrdachd no ealain is dealbhadh a tha a’ cuimseachadh air a’ bhlàr, agus tagraidhean a bhios air an taghadh gam foillseachadh ann an leabhar cuimhneachaidh sònraichte. Tha am pròiseact gu bhith a’ ruith bho 16mh Giblean gu 20mh Dùbhlachd 2020.

Bho 1745, tha sgeul Blàr Sliabh a’ Chlamhain air daoine bho air feadh an t-saoghail a bheò-ghlacadh, a ghluasad agus a bhrosnachadh. Phiobraich tachartasan ainmeil a’ Phrionnsa Theàrlaich a’ tilleadh à fògarrachd agus a’ togail feachd de Sheumasaich gus an rìgh-chathair a dhleasadh, agus buannachadh an aghaidh an t-srutha aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain, dìleab chultarach a tha a’ leantainn gus an latha an-diugh. Tha am blàr air a chuimhneachadh ann an òrain, dàin, nobhailean, dealbhan agus grèis-bhratan.

Is e carthannas a th’ ann an Urras Dualchais Blàr Sliabh a’ Chlamhain (1745), a tha ag amas air an dìleab chultaraich seo a chumail beò. Tha pròiseact ‘Buaidh, Dòchas is Àrd-amas’ a’ taisbeanadh gu bheil cruthachadh air obair ùr a cheart cho cudromach ri taisbeanadh an ama a dh’fhalbh.

Bu chòir do dh’innteartan don phròiseact aon de na prìomh thèaman a leanas, a nochdadh:

Tha am prionnsa air tighinn air tìr
Gairm gu armachd
A’ caismeachd
Am Blàr
Buaidh / ruaig
Coimhead air ais

Tha tagraichean saor gu na raointean sin a rannsachadh bho shealladh sam bith, a’ gabhail a-steach bho luchd-taic air taobh nan Seumasach agus air taobh nan Hanòbharach. Cha bu chòir do dh’innteartan sgrìobhte a bhith barrachd air 500 facal de dh’fhaid. Faodaidh tagraichean obrachadh ann am buidhnean no obrachadh air leth agus tagraidhean a chur a-steach tron sgoil aca no gu prìobhaideach. Mar fhreagairt air a’ ghlasadh-sìos a th’ againn an-dràsta, tha an t-Urras air seòrsa eile a chur ris a’ phròiseact do dh’inbhich.

Lorgar goireasan airson innteartan a bhrosnachadh agus fhiosrachadh air làrach-lìn Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain.

Tha fàilte air innteartan ann am Beurla, Albais no Gàidhlig. Bu chòir eadar-theangachadh Beurla a chur còmhla ri innteartan Gàidhlig, ma ghabhas sin a dhèanamh.

Bidh innteartan air am foillseachadh air-loidhne, agus thèid nas urrainn dhuinn a thaghadh airson nochdadh ann an leabhar cuimhneachaidh sònraichte. Thèid tachartas a chumail tràth ann an 2021 gus cruthachalachd nan tagraichean a chomharrachadh.

Thathar a’ toirt cuireadh do bhuidhnean com-pàirteachaidh tadhalan air an achadh-blàir a chur air dòigh le luchd-iùil an Urrais ann an culaidhean freagarrach, aon uair ’s gun tig an glasadh-sìos làithreach gu crìch. San eadar-ama, tha stuthan ùra bhidio agus gnìomhachdan air-loidhne gan cruthachadh an-asgaidh tron làrach-lìn agus tro shianalan mheadhanan sòisealta.

Thuirt Steven Kellow, Oifigear Pròiseict is Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cur taic ris a’ phròiseact seo oir tha e a’ coileanadh nan trì prìomh amasan aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23. Tha sinn an dòchas gun cuidich am maoineachadh againn clann às an sgìre gu dhol an sàs sa phròiseact tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh don phròiseact!”

Tha prògram de thachartasan air a phlanadh gus an 275mh ceann-bliadhna de Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain a chomharrachadh. Nam measg sin, bidh cuairt de Ghrèis-bhrat Blàr Sliabh a’ Chlamhain 1745 agus taisbeanadh sònraichte trì-mìosan ann an Haddington, agus prògram de thachartasan a’ mòr-thaisbeanadh dìleab chultarach a’ bhlàir. Tha seo a’ faotainn taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, Comhairle Lodainn an Ear agus Bòrd na Gàidhlig. Aig an aon àm ’s a bhios togail airgid a’ leantainn air adhart a dh’ionnsaigh ionad eachdraidh beò a thogail gus Blàr Sliabh a’ Chlamhain a chomharrachadh, thèid taobhan de phrògraman gnìomha planaichte an ionaid a phìleatadh gus àireamh luchd-tadhail air an achadh-blàir a rannsachadh, agus obrachadh a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe maoineachaidh air a bheil feum gus an aisling seo a thoirt gu bith.

Airson pasgan fiosrachaidh, cuiribh post-d gu ajohnston@battleofprestonpans1745.org neo tadhailibh air an làrach-lìn.

Bu chòir tagraidhean tron phost a chur gu:

Pròiseact Sgoiltean 275
Urras Dualchais Blàr Sliabh a’ Chlamhain 1745
227-229 Sràid Àrd
Prestonpans
EH32 9BE

Gabh sùil air duilleag Twitter Bhlàr Sliabh a’ Chlamhain.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security