Prògram de ghnìomhan beò air-loidhne tron Ghàidhlig air a chur air dòigh gus taic a chumail ri pàrantan – #cleachdiaigantaigh / #useitathome

 

 

 

Bidh am prògram air-loidhne air a chumail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig le ceangal ri farsaingeachd de ghoireasan eadar-obrach agus de thachartasan às dèidh sgoile airson òigridh.  Bheir seo cothrom do chloinn an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachd na dachaigh.  

 

Tha am Bòrd air a bhith ag obair gu dlùth le Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na Gàidhlig (CnaG), buidhnean òigridh a tha an sàs ann am brosnachadh na Gàidhlig, gus am prògram air-loidhne a chur air dòigh. Am measg nan gnìomhan às dèidh sgoile seo, tha leasanan ciùil air-loidhne, seiseanan bèicearachd, lorgan ulaidh, taic le obair dachaigh agus tòrr a bharrachd. 

 

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig:  

“Tha e nas cudromaiche, na bha e riamh, aig an àm seo gum bi taic aig òigridh gus Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh cho tric ’s a ghabhas, nuair a tha na sgoiltean dùinte agus gnìomhan aghaidh-ri-aghaidh eile air an cur dheth.” 

 

“Tha sinn airson tòrr fiosrachaidh a thoirt còmhla ann an aon àite a tha furasta a ruigsinn, a tha a’ sealltainn far am faighear farsaingeachd de ghnìomhan a chuidicheas daoine òga gus cothrom fhaighinn air gnìomhan Gàidhlig taobh a-muigh a’ churraicealaim.  Tha sinn an dòchas gun cuir barrachd bhuidhnean ris, agus gun toir iad barrachd leudachaidh air a’ phrògram.” 

 

Bhrosnaicheamaid a’ choimhearsnachd Ghàidhlig an taga-hais #cleachdiaigantaigh a chleachdadh gus goireasan, beachdan agus susbaint a cho-roinn gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann an dachaighean air feadh na dùthcha dhan ìre as motha ’s a ghabhas aig an àm seo.” 

 

“Faodaidh càirdean is caraidean cuideachadh cuideachd le bhith a’ bruidhinn Gàidhlig le daoine òga cho tric ’s a ghabhas – gu pearsanta, air-loidhne no air a’ fòn – a’ dèanamh cinnteach gun lean leasachadh nan sgilean cànain aca an dà chuid aig an àm seo agus san àm ri teachd. 

 

’S e #cleachdiaigantaigh / #useitathome an ath cheum san iomairt shoirbheachail #cleachdiAir a chur air bhog an-uiridhis e amas na h-iomairt seo luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus innse do dh’Alba agus dhan t-saoghal gu bheil iad moiteil a bhith a’ bruidhinn a’ chànain. 

 

Bidh buidhnean a tha air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus CnaG a’ brosnachadh #cleachdiaigantaigh / #useitathome leis na com-pàirtichean aca. 

 

Thuirt Art Cormack, Àrd-oifigear Fèisean nan Gàidheal: “Coltach ri mòran bhuidhnean air feadh na dùthcha, feumaidh sinn aig Fèisean nan Gàidheal dòighean a lorg gus ar n-obair a lìbhrigeadh ann an cruth eadar-dhealaichte aig an àm dhùbhlanach seo.  Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air #cleachdiaigantaigh agus tha sinn an làn dùil cur ris a’ phrògram gus daoine òga a chuideachadh gus a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh ann an coimhearsnachd air-loidhne.” 

 

Thuirt Àrd-oifigear ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Tha e na phrìomh neart aig lìonra Iomairtean ChnaG gu bheil dlùth cheangal eadar na h-oifigearan againn agus na daoine òga anns na sgoiltean agus na coimhearsnachdan aca fhèin. Is e ar fòcas an-còmhnaidh a bhith a’
feuchainn ri gnìomhan spòrsail is tarraingeach a thabhann taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile, agus aig àm mar seo, feuchaidh sinn ris na ceanglaichean ionadail sin a chleachdadh gus na h-aon phrionnsabalan de spòrs is de thogarrachd a lìbhrigeadh tro mhodhan air-loidhne.” 

Gus taic a bharrachd a chumail ri pàrantan agus iad a’ toirt oideachadh-dachaigh do an cuid chloinne ann am Foghlam tron Ghàidhlig, chuir Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig làrach-lìn ùr ‘Ionnsachadh Dachaigh’ air bhog an t-seachdain seo.   

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: https://www.storlann.co.uk/ 

Bidh prògram #cleachdiaigantaigh a’ dol beò air Diluain 4 Cèitean agus bi e ri fhaighinn air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig: https://www.gaidhlig.scot/gd/cleachdi-aig-an-taigh/. 

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security