Ullachadh phlanaichean
Taobh a-staigh na h-earrainn seo, gheibhear goireasan cuideachail airson plana Gàidhlig reachdail ullachadh a bhios a’ freagairt air an stiùireadh làithreach, prìomhachasan a’ Phlana Chànain Nàiseanta Ghàidhlig agus àrd-phrionnsabalan.
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Achd na Gàidhlig
Tha fiosrachadh mionaideach ann an Achd na Gàidhlig air a’ phròiseas reachdail a thaobh uallachadh, dearcnachadh agus ath-nuadhachadh phlanaichean Ghàidhlig.
Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig
Bidh am Plana Nàiseanta Gàidhlig a’ sealltainn nam prìomhachasan làithreach airson na Gàidhlig. Bu chòir gum bi na prìomhachasan seo bunaiteach anns gach plana Gàidhlig.
Stiùireadh Reachdail
Chaidh an stiùireadh seo a leasachadh fo earrann 8 de dh’Achd na Gàidhlig 2005. Bidh e a’ comharrachadh raointean sònraichte ann an lìbhrigeadh sheirbheisean cànain, ion-phròiseasan agus leasachadh phoileasaidhean a bhios air an gabhail a-steach am broinn phlanaichean Gàidhlig.
Bidh e a’ toirt seachad stiùireadh prataigeach agus a’ stèidheachadh nan riatanasan reachdail a tha ann fon Achd agus deagh chleachdadh eile a neartaicheas pròiseas phlanaichean Gàidhlig.
Gàidhlig mar sgil obrach
‘S e adhbhar an stiùiridh seo suidheachadh Bòrd na Gàidhlig a shoilleireachadh agus a thaisbeanadh air Gàidhlig mar sgil riatanach no sgil a bhiodh na bhuannachd anns an àite-obrach. ’S urrainnear an stiùireadh seo a chleachdadh gus na geallaidhean co-cheangailte ri trusadh luchd-obrach a sgrìobhadh.
Amasan sheirbheisean corporra
Bu chòir do gach ùghdarras poblach na h-amasan seo a ghabhail a-steach anns gach eagran de na planaichean Gàidhlig aca leis an tuigse gum bithear gan cur an gnìomh tro fhàs ceum air cheum.
Sgrùdadh sgilean luchd-obrach
Thathar a’ moladh gum bi gach ùghdarras poblach a’ dèanamh in-sgrùdadh luchd-obrach air sgilean Gàidhlig nuair a thathar ag ullachadh Phlanaichean Gàidhlig agus gum bithear a’ cleachdadh nan toraidhean anns na gealltanasan sa phlana. Gheibhear eisimpleir an seo.
Aithne Chorporra
Tha na h-eisimpleirean gu h-ìosal a’ sealltainn deagh chleachdadh air mar as urrainnear aithne chorporra dà-chànanach a chruthachadh a tha a’ toirt co-ionannachd spèis do gach cànan.
Làrach-lìn Dà-chànanach
’S e cleachdadh àbhaisteach air feadh an t-saoghail anns an roinn phoblaich agus phrìobhaidich a bhith a’ cruthachadh làraichean-lìn dà-chànanach. Gheibhear eisimpleirean bho bhuidhnean poblach gu h-ìosal.