Cur an gnìomh planaichean
Thèid builean a’ phlana cànain Ghàidhlig a choileanadh le barrachd buaidh nuair a thathar a’ tuigsinn gur e uallach corporra a th’ ann am plana a chur an gnìomh. Thèid targaidean a’ phlana a choileanadh nas fheàrr ma tha iad air an gabhail a-steach mar phàirt àbhaisteach de phlanadh ro-innleachdail is gnìomhach na buidhne. Thathar a’ moladh mar dheagh chleachdadh gum bithear a’ stèidheachadh is a’ glèidheadh buidheann leasachaidh is buileachaidh Gàidhlig le riochdairean bho dhiofar sgiobaidhean anns a’ bhuidhinn.
Tha an Achd 2005 a’ cur dleastanas air a’ Bhòrd airson adhartas air cur an gnìomh na planaichean cànain Gàidhlig a thoirt gu buil. Tha seo a’ coimhead air gealltanasan anns a’ phlana agus ag iarraidh air na h-ùghdarrasan poblach fiosrachadh a thoirt seachad gach bliadhna air a’ cheann-latha air an deach am plana aontachadh.
Gu h-ìosal, gheibhear goireasan cuideachail a bheir taic dhaibh airson gach eagran de na Planaichean Gàidhlig Reachdail aca a chur an gnìomh.
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Iùl Conaltraidh Gàidhlig
Gheibhear fiosrachadh an seo air abairtean as urrainnear a chleachdadh ann an conaltradh ris a’ phoball agus luchd-ùidhe.
A’ sgrìobhadh litrichean is phuist-d
Maoin Phlanaichean Gàidhlig
’S e an t-amas deireannach gun tèid cosgaisean sheirbheisean a chuirear an gnìomh anns na planaichean cànain Gàidhlig fhighe a-steach an lùib chosgaisean làitheil na buidhne. Bu chòir do chosgaisean a bhith air an gabhail a-steach an lùib prògram atharrachaidh leantainneach airson an cumail aig an ìre as ìsle. Ach tha am Bòrd a’ tuigsinn, aig ìre thràth a’ phlana, gur ma dh’fhaodte gum bi cosgaisean a bharrachd na lùib. Mar thoradh air sin, faodaidh ùghdarrasan poblach taic fhaighinn tro Mhaoin Planaichean Gàidhlig (ris am b’ àbhaist GLAIF a bhith air) a ghabhas ri tagraidhean a h-uile bliadhna.
#Cleachdi
Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean an iomairt #cleachdi air chor ’s gum faod luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile agus gus cleachdadh na Gàidhlig ann an àitichean poblach a bhrosnachadh. Airson barrachd fios, brùth air an ceangail gu h-àrd.
Learn Gaelic
‘S e làrach-lìn don h-uile duine le ùidh ann an sgilean Gàidhlig a leasachadh a th’ ann an LearnGaelic.
Seirbheisean eadar-theangachaidh agus Seiseanan Mothachaidh Gàidhlig
Tha iomadh buidheann agus duine a’ lìbhrigeadh agus a’ tabhainn seirbheis eadar-theangachaidh agus seiseanan mothachaidh Gàidhlig/trèanadh. Ma tha fiosrachadh a dhìth mu na seirbheisean seo, cuir fios do na h-oifigearan planaichean againn.