Co-chomhairle air Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 Comhairle Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairleachadh Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 aig Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.
Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail tha:
Chan eil iomradh sam bith air cànan is cultar na Gàidhlig san Dreachd Phlana Ro-innleachdail no anns a’ Mheasadh Fheumalachdan Ro-innleachdail na chois. (Chì sinn cuideachd nach eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig san dreachd Ro-innleachd Leasachadh Eaconamach aig Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar 2022 – 2027). Tha seo a dh’aindeoin gu bheil Plana Gàidhlig aig a’ Chomhairle anns a bheil diofar ghealltanasan.
Feumar dèiligeadh ri seo anns an dreachd mu dheireadh den Dreachd Phlana Ro-innleachdail.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.