Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn nan ceumannan mòra a rinneadh gus taic is brosnachadh a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba
Tha Bòrd na Gàidhlig air ceuman nach bu bheag a ghabhail gus Gàidhlig agus a cultar a bhrosnachadh agus gus taic a chumail riutha ann an Alba a rèir aithisg bhliadhnail na buidhne airson 2018-19. Tha i a’ sealltainn cuideachd gum bi leasachadh na Gàidhlig a’ cur gu mòr ri Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na […]
19/12/2019
Barrachd >Freagairt Bhòrd na Gàidhlig ri aithisg Earrann 22 aig Sgrùdadh Alba
Tha aithisg Earrann 22 seo mu Bhòrd na Gàidhlig stèidhichte air Aithisg Ceannardas is Riaghladh, a chaidh a thoirt dhan Chomataidh Sgrùdaidh is Rianachd Chunnartan na bu thràithe am-bliadhna. Is e seo an sgrùdadh as mionaidiche a rinneadh air a’ bhuidhinn riamh. Tha an aithisg seo a’ tighinn às dèidh trì bliadhna air leth trang […]
13/12/2019
Barrachd >Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air buidhnean ann an Alba a tha a’ toirt taic agus brosnachadh dhan Ghàidhlig tagradh a dhèanamh airson tabhartasan suas ri £5,000, às dèidh dhaibh an sgeama maoineachaidh coimhearsnachd aige airson 2020/21 a chur air bhog.
Chaidh buidseat de £125,000 a chur an dàrna taobh airson sgeama tabhartasan coimhearsnachd Taic Freumhan Coimhearsnachd agus thathar ag iarraidh air buidhnean a tha airson pròiseact ionadail a lìbhrigeadh a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig tagradh a dhèanamh. An-uiridh, thug Bòrd na Gàidhlig maoineachadh do 74 pròiseactan – a’ gabhail a-steach buidhnean saor-thoileach, iomairtean sòisealta, […]
12/12/2019
Barrachd >