Naidheachdan

Fios-naidheachd – 22.06.2020

Bho thoiseach èiginn COVID-19, tha sgioba Bhòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair gu cruaidh le com-pàirtichean air feadh coimhearsnachd na Gàidhlig, ùghdarrasan poblach agus Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig a’ leantainn aig an taigh leis an àireimh as motha de dhaoine aig an àm dhuilich gun choimeas […]

22/06/2020

Barrachd >

Goireas ùr do Bhuidhnean Thràth-bhliadhnaichean 0-3 ga chur air bhog le Bòrd na Gàidhlig

Thèid pasgan fiosrachaidh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean 0-3 a chur air bhog air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig air am pasgan ullachadh airson stiùireadh agus fiosrachadh a thoirt do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig airson an cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh is a’ ruith na buidhne aca. Tha fianais ann gu bheil na buidhnean […]

10/06/2020

Barrachd >

Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur làrach-lìn Colmcille ùr air bhog

Tha Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte làrach-lìn ùr a chur air dòigh airson prògram Cholmcille, a tha a’ ceangal Èirinn is Alba. Thèid an làrach-lìn ùr a chur air bhog air 9 Ògmhios, Latha Fhèill Chaluim Chille. Air an làrach-lìn, chithear an suaicheantas ùr aig Colmcille, am prògram com-pàirteachais a tha […]

09/06/2020

Barrachd >
x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security