Naidheachdan

Graphic: Bold text reads 'Colmcille Funding Scheme' with Bòrd na Gàidhlig and Colmcille logos.

Taic mhaoineachaidh do phròiseactan a tha a’ cur ri dàimhean eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Ghaeilge!

Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte a ràdh gun deach an sgeama Colmcille fhosgladh do dh’iarrtasan airson pròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 1 Giblean agus 31 Dùbhlachd 2024. ’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ anns an sgeama Colmcille agus chaidh a stèidheachadh gus […]

19/12/2023

Barrachd >
Picture: Male teacher teaching a high school science class. Text reads 'Consultation Response: Provisions of the Education Bill'

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ullachaidhean Bile an Fhoghlaim

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba mu Ullachaidhean Bile an Fhoghlaim. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn: Feumar taic a thoirt do sgoiltean gus farsaingeachd de chothroman a thoirt seachad ann am FtG [Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig]. Cha bu chòir dhan fheadhainn a fhuair FtG ann […]

19/12/2023

Barrachd >
Picture: Buchanan Street in Glasgow lit up with text over picture. Text reads 'Consultation Response: Glasgow City Centre Strategy 2024 – 2030'

Freagairt air Co-chomhairleachadh: Ro-innleachd Meadhan Baile Ghlaschu 2024 – 2030

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Comhairle Bhaile Ghlaschu mun Ro-innleachd Meadhan Baile Ghlaschu 2024 – 2030. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn: “Bhiodh barrachd cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig taobh a-staigh meadhan baile Ghlaschu a’ meudachadh sunnd luchd-cleachdaidh, luchd-ionnsachaidh is luchd-taice na Gàidhlig – a tha glè mhoiteil […]

28/11/2023

Barrachd >
x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security