Obair Cothromach

Bho 1 Iuchar 2023, feumaidh Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean poblach eile dèanamh cinnteach gu bheil luchd-fhaotainn thabhartasan a’ cumail ris a’ Phoileasaidh Obair Chothromach an Toiseach aig Riaghaltas na h-Alba. Tha làn fhiosrachadh agus stiùireadh mun phoileasaidh ri fhaighinn air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba an seo: https://www.gov.scot/publications/fair-work-first-guidance-2/

Tha am poileasaidh seo ag ràdh gu feum buidhnean a tha a’ faighinn airgead poblach ann an Alba a bhith:

  • A’ pàigheadh co-dhiù am fìor Thuarastal Bith-beò (£12 san uair an-dràsta, mar a chaidh a shuidheachadh le Living Wage Scotland agus a tha air fhoillseac hadh aig https://scottishlivingwage.org/)
  • A’ lìbhrigeadh dhòighean iomchaidh airson guth èifeachdach a bhith aig luchd-obrach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird;

Agus thathar gam brosnachadh gu mòr:

  • Tasgadh ann an leasachadh sgioba-obrach;
  • Dèanamh cinnteach nach tèid cùmhnantan neoni uairean a chleachdadh ann an dòigh neo-iomchaidh:
  • Oidhirp a dhèanamh gus dèiligeadh ris a’ bheàrn pàighidh gnè, agus àite-obrach nas eadar-mheasgte agus nas in-ghabhalaich a chruthachadh;
  • Cleachdaidhean obrach sùbailte, agus taiceil do theaghlaichean, a thabhann don luchd-obrach air fad bhon chiad latha obrach aca; agus,
  • Cur an aghaidh cleachdaidhean cur à dreuchd agus ath-fhastadh

 

Ma tha sibh a’ cur a-steach airson tabhartas, feumaidh sibh dearbhadh aig àm an iarrtas gun cùm sibh ris a’ phoileasaidh agus ma gheibh sibh tabhartas feumaidh sibh fianais a thoirt seachad gu bheil a’ bhuidheann agaibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh Obair Chothromach an Toiseach, an dà chuid:

  • Aig àm na duaise (sin, nuair a gheibhear litir tairgse); agus
  • Nuair a chuirear a-steach an aithisg tabhartais dheireannach

 

Buinidh riatanasan an fhìor Thuarastal Bith-beò sa phoileasaidh Obair Chothromach an Toiseach do luchd-fhaotainn thabhartasan fa leth a gheibh taic do phròiseactan (cha bhith seo buntainn ris an fheadhainn a tha a’ faighinn taic tro ar sgeama Tabhartasan Foghlaim no ar sgeama taic Cùrsa Gaeilge Cholmcille), ach cha bhi na riatanasan a thaobh Guth Èifeachdach Luchd-obrach a’ buntainn riutha.

Tha e cudromach cuimhneachadh mas e buidheann a th’ annaibh a tha a’ faighinn maoineachadh agus sibh ag obair le buidhnean com-pàirteachais no cunnradairean, gum feum sibh dèanamh cinnteach gu bheil na buidhnean com-pàirteach no na cunnradairean sin cuideachd a’ cumail ris a’ phoileasaidh Obair Chothromach an Toiseach.

 

Tha fiosrachadh mun fhianais a bhios a dhìth oirnn ri fhaighinn gu h-ìosal:

Fìor Thuarastal Bith-beò

Feumaidh gach buidheann  a gheibh tabhartasa am fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh don luchd-obrach, preantasan, luchd-obrach cùmhnaint/buidheann-gnìomha no luchd-obrach neo-cheangailte a tha nas sine na 16 agus a tha a’ fuireach san RA.

Ma gheibh sibh tabhartas nas lugha na £100k, feumaidh sibh an dàrna cuid:

  • Fianais a shealltainn gur e buidheann bharrantaichte Tuarastal Bith-beò a th’ annaibh; no
  • Fèin-aithris a lìonadh (a thèid a thoirt dhuibh nuair a gheibh sibh maoineachadh) gus dearbhadh gu bheil sibh a’ pàigheadh an fhìor Thuarastal Bith-beò

Ma tha sibh a’ fastadh phreantasan, luchd-obrach 16 no 17 bliadhna a dh’aois no luchd-obrach cùmhnaint/buidheann-gnìomha, feumaidh sibh fèin-aithris a dhèanamh eadhon ged a tha sibh nur buidheann bharrantaichte tuarastal bith-beò.

Ma gheibh sibh tabhartas de £100k no barrachd, ma tha sibh a’ fastadh luchd-obrach gu dìreach feumaidh sibh lìbhrigeadh an dàrna cuid:

  • Fianais gur e buidheann bharrantaichte Tuarastal Bith-beò a th’ annaibh;
  • Leth-bhreac gun ainmean den chlàr-pàighidh; no
  • Teisteanas air a shoidhnigeadh leis an neach-cunntais agaibh a’ dearbhadh gu bheil sibh a’ pàigheadh an fhìor Thuarastal Bith-beò

Ma tha sibh a’ fastadh phreantasan no luchd-obrach 16 no 17 bliadhna a dh’aois, feumaidh sibh lìbhrigeadh an dàrna cuid:

  • Leth-bhreac gun ainmean den chlàr-pàighidh; no
  • Teisteanas air a shoidhnigeadh leis an neach-cunntais agaibh a’ dearbhadh gu bheil sibh a’ pàigheadh an fhìor Thuarastal Bith-beò

Ma tha sibh a’ fastadh luchd-obrach no buidheann fo chùmhnant, feumaidh sibh leth-bhreac gun ainmean de na cùmhnantan a thoirt seachad airson luchd-obrach cùmhnaint/ buidheann-gnìomha iomchaidh.

 

Guth Èifeachdach Luchd-obrach

Mas e buidheann a th’ annaibh a tha a’ fastadh luchd-obrach air cùmhnant obrach foirmeil (fiù ’s mur eil ach 1 no 2 luchd-obrach agaibh), feumaidh sibh fianais a thoirt seachad gun toir sibh guth èifeachdach don luchd-obrach agaibh, gus aithneachadh cho cudromach ’s a tha co-bharganachadh agus conaltradh, leasachadh theirmichean is chumhaichean, sunnd luchd-obrach, agus leasachadh àiteachan-obrach adhartach is cothromach.

Chithear sa chlàr gu h-ìosal gum feum buidhnean le 20 luchd-obrach no nas lugha fianais a shealltainn gu bheil iad a’ toirt seachad co-dhiù aon dòigh aig ìre dhaoine fa leth airson luchd-obrach an guth a thogail, agus gum feum buidhnean le 21 neach-obrach no barrachd fianais a shealltainn gu bheil iad a’ toirt seachad co-dhiù aon dòigh aig ìre dhaoine fa leth agus aon dòigh aig ìre choitcheann.

Dòigh air Guth a thogail Ìre Fianais
Dàimh Riaghladh Loidhne (sin, conaltradh èifeachdach dà-shlighe tro dhàimh 1: 1) Neach fa leth Dearbhadh sgrìobhte bho riochdaire(an) aonadh-ciùird/ luchd-obrach gu bheil cothrom air conaltradh cunbhalach 1:1 fosgailte agus dà-shligheach eadar manaidsearan-loidhne agus an luchd-obrach aca; gu bheil an conaltradh seo ann fa leth bho phròiseasan sgrùdadh coileanaidh àbhaisteach; agus gu bheil dàimhean obrach èifeachdach ann eadar luchd-obrach is manaidsearan.
Suirbhidhean Luchd-obrach / Com-pàirteachaidh

 

Neach fa leth Dearbhadh sgrìobhte bho luchd-riaghlaidh agus riochdaire(an) aonadh-ciùird/luchd-obrach gu bheil suirbhidh iomchaidh air a dhèanamh gu cunbhalach agus gun urrainnear sealltainn gu bheil fios-air-ais ga thoirt don luchd-obrach agus gnìomhan gan cruthachadh agus gan cur an gnìomh gus dèiligeadh ri seo.
Sgeamaichean Mholaidhean Neach fa leth Dearbhadh sgrìobhte bho riochdairean riaghlaidh agus aonaidhean-ciùird/luchd-obrach gu bheil sgeama ann agus eisimpleirean air an toirt seachad de leasachaidhean a chaidh a dhèanamh mar thoradh air seo.
 Ùrlaran Eadra-lìon/Air-loidhne Neach fa leth Dearbhadh sgrìobhte bho riochdairean stiùiridh agus aonaidhean-ciùird/luchd-obrach gu bheil dòigh aig a’ bhuidhinn a leigeas le luchd-obrach cur ri deasbad ro-innleachdail agus eisimpleirean gan toirt seachad far a bheilear ag aithneachadh agus a’ cur an gnìomh am beachdan.
 Fòraman / Lìonraidhean Luchd-obrach Coitcheann Dearbhadh sgrìobhte bho riochdairean stiùiridh agus aonaidhean-ciùird/luchd-obrach gu bheil lìonra agus/no fòram ann, a bhios a’ coinneachadh gu cunbhalach, a’ toirt taic do chonaltradh fosgailte agus a chuimsicheas air gnìomh. Bu chòir eisimpleirean a lìbhrigeadh de ghnìomhan a rinneadh.
Aithneachadh Aonaidhean-ciùird / Co-bharganachadh Coitcheann Leth-bhreac den Aonta Aithneachaidh.
Tha cothrom-inntrigidh ga thoirt do aonaidhean-ciùird/ Tha dòigh-smaoineachadh a tha taiceil do bhallrachd aonaidhean air a nochdadh Coitcheann 1) Tha aonaidhean-ciùird a’ dearbhadh gu bheil cothrom aca gus buill fhastadh agus eagrachadh.

Agus/no:

2) Tha luchd-obrach mothachail gu bheil am fastaiche toilichte dhaibh a dhol an sàs san aonadh as fheàrr leotha (m.e. tro stuthan inntrigidh, clàs sa chùmhnant).

Co-chomataidh(ean) Comhairleachaidh (JCC) Coitcheann Dearbhadh sgrìobhte bho riochdaire(ean) luchd-stiùiridh agus aonaidhean-ciùird/ luchd-obrach gu bheil JCC/an ann agus eisimpleirean de chùisean air an deasbad.
Comhairlean-obrach Eòrpach (EWCs) Coitcheann Pàipearan bho EWC a’ sealltainn ballrachd agus com-pàirteachadh gnìomhach.

 

Ma tha ceist sam bith agaibh mu mar a bhios am poileasaidh Obair Chothromach an Toiseach a’ buntainn ribh fhèin agus an tabhartas agaibh, cuiribh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security