Goireasan

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

 

Suaicheantas is Aithneachadh

Ma tha sibh a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tha e deatamach gu bheil sibh a’ toirt aithne don taic sin tron phròiseact agaibh.

Stiùireadh – Mar a dh’aithnicheas sibh taic Bhòrd na Gàidhlig (PDF)

Gheibhear suaicheantas ‘Le Taic bho Bhòrd na Gàidhlig’ an seo.

Gheibhear suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig ann an diofar cruth an seo no aig na ceanglaichean gu h-ìosal:

JPEG

PNG

PDF

Nuair a tha sibh cleachdadh suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig bu chòir an Stiùireadh Brannd againn leughadh gus dearbhadh gu bheil sibh ga chleachdadh ann an dòigh iomchaidh.


Aithisgean

Airson gach sgeama maoineachaidh, bidh feum agaibh Aithisg Adhartais agus/no Aithisg Dheireannach a chur a-staigh thugainn gus measadh a dhèanamh air a’ phròiseact.

Bu chòir dhuibh na h-aithisgean agaibh a chur a-steach tron siostam Fluxx air-loidhne, ach gheibh sibh teamplaidean de seann aithisgean an seo gu h-ìosal:

Aithisg Adhartais – Pròiseactan

Aithisg Dheireannaich – Pròiseactan

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security