Stiùireadh
‘S e seo an stiùireadh airson sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2025-27. Tha lethbhreac den stiùireadh seo ri fhaighinn ann am PDF an seo, is gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh ma tha seo air iarraidh oirbh le bhith cur post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Tha an sgeama seo a’ dùnadh aig 3f air Dimàirt 28 Faoilleach 2025. Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh air 12 Samhain 2024.
Clàr
- Mu dheidhinn na maoine
- Riaghailtean airson Phròiseactan
- Àrainneachd, Co-ionnanachd, Iomadachd & In-ghabhalachd agus Obair Cothromach
- A’ cur iarrtas a-steach
- Mar a nì sinn measadh air an iarrtas
- Tuilleadh fiosrachaidh
Mu dheidhinn na Maoine
’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd. Am-bliadhna tha sinn a’ toirt a-steach sgeama Cholmcille còmhla ri Taic Freumhan Coimhearsnachd mar aon mhaoin gus taic a chumail ri Gàidhlig sa choimhearsnachd.
Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad do bhuidhnean cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna. ‘S e £200,000 am buidseat ris a bheil dùil airson an sgeama, ach tha seo ri dhearbhadh a rèir buidseat Bòrd na Gàidhlig 2025/26.
Tha co-fharpais air a bhith ann tro chuairtean eile den sgeama seo, agus mar sin tha sinn an dùil nach gabh taic a chumail ris a h-uile iarrtas freagarrach.
Bidh sùbailteachd san sgeama airson taic a chumail ri iomadh seòrsa pròiseict a tha ag amas air daoine a thoirt còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh, ach tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri:
- Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
- Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla
- Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
- Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge
Anns an iarrtas agaibh, tha sinn airson ’s gum mìnich sibh mar a bhios am pròiseact agaibh a’ freagairt air aon no barrachd air aon de na h-amasan seo. Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur ri Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
Ann a bhith a’ measadh an iarrtais agaibh, bidh sinn a’ coimhead gu sònraichte air:
- Cho follaiseach ’s a tha am pròiseact agaibh a’ sealltainn gum bi e a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is a’ coileanadh nan amasan sònraichte againn airson am-bliadhna
- Comas am buidheann agaibh am pròiseact lìbhrigeadh gu soirbheachail
- Neart nam planaichean agaibh gus buaidh a’ phròiseict agaibh a mheasadh
- Luach an airgid a tha ga shealltainn leis a’ phròiseict
Mar a tha am buidheann a’ coileanadh dhleastanasan a thaobh na h-Àrainneachd, Co-ionnanachd is Obair Chothromach
Gheibhear stiùireadh nas mionaidiche air mar a thèid iarrtasan a mheasadh air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.
Riaghailtean airson Phròiseactan
Cò dh’ fhaodas tagradh a chur a-steach?
Tha a’ mhaoin seo fosgailte do bhuidhnean treas-roinn stèidhichte (carthannasan no buidhnean saor-thoileach) a tha stèidhichte ann an Alba aig a bheil bun-reachd agus a tha airson pròiseact a lìbhrigeadh gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh am measg coimhearsnachd air ainmeachadh. Gheibhear eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic bho Taic Freumhan Coimhearsnachd a-cheana tron làrach-lìn GrantNav.
Chan fhaod buidhnean ach aon iarrtas a chur a-steach dhan chuairt seo den mhaoin.
Ma tha sibh air taic fhaighinn tro chuairt 2024-26 den sgeama (air a toirt seachad sa Ghearran/Màrt 2024), chan fhaod sibh iarrtas a dhèanamh ach a-mhàin ma tha am pròiseact maoinichte agaibh a’ crìochnachadh ann an 2025 agus am pròiseact ùr tòiseachadh ann an 2025 cuideachd. Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh freagarrachd, cuiribh fios gu Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas.
Feumaidh cunntas-banca san RA a bhith aig a’ bhuidhinn agaibh cuideachd, fo ainm na buidhne, nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach. Ma tha a’ bhuidheann agaibh an sàs ann am pròiseas cunntas banca ùr fhosgladh, chan urrainn dhan bhuidhinn agaibh iarrtas a chur a-steach.
Cò nach fhaod tagradh a chur a-steach?
- Daoine fa-leth
- Ùghdarrasan poblach no ionadail (is ALEOs)
- Buidhnean coimeirsealta/airson prothaid
- Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bòrd na Gàidhlig
Clàr-ama a’ Phròiseict
Bidh an sgeama a’ toirt taic do phròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 1 Giblean agus 31 Dùbhlachd 2024 agus a thèid crìochnachadh ro 31 Lùnastal 2026.
Thathar an dùil gun tèid an ath chuairt maoineachaidh a ruith eadar Samhain 2025 is Faoilleach 2026 airson pròiseactan 2026-28.
Dè tha cosgaisean a gheibh taic?
Faodaidh sibh suas ri £5,000 iarraidh ma tha pròiseact a’ maireachdainn suas ri 12 mìosan no suas ri £10,000 ma tha pròiseact a’ maireachdainn nas fhaide na 12 mìosan.
Faodaidh sibh iarraidh suas ri 80% de chosgaisean iomlan a’ phròiseict, fhad ’s a tha seo fon t-suim iomlan air ainmeachadh gu h-àrd.
Bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach nach eil pàirt sam bith eile de bhuidseat a’ phròiseict air am maoineachadh tro sgeamaichean maoineachaidh eile, Maoin nan Ealan Gàidhlig air a ruith le Fèisean nan Gàidheal, Maoin nan Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig no Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bhòrd na Gàidhlig.
Bu choir pròiseactan amas air teachd-a-steach iomchaidh fhaighinn bho chom-pàirtichean far a bheil seo comasach (m.e. cìsean airson chlasaichean Gàidhlig, airgead bho phàrantan airson turasan sgoile, tiocaidean airson chuirmean), agus is mathaid gun cuir sinn cumha air an taic-airgid againn gum bi sibh a’ togail ìre de dh’ airgead bho bhunan den leithid ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Bu chòir gach pròiseact a tha a’ pàigheadh tuarastalan no cìsean dhan fheadhainn a tha a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict a bhith a’ pàigheadh co-dhiù Tuarastal Bith-beò fìor (a tha £12.60 san uair an-dràsta). Ma tha sibh a’ cleachdadh tuarastal gnìomhachais anns na figearan agaibh, nach cuir sibh fios a-steach dhan iarrtas air cò a shuidhich na h-ìrean agus ceangal ann gus am fiosrachadh a lorg.
Tha cosgaisean neo-ionmhasail/saor-thoileach ceadaichte mar phàirt de chosgaisean iomlan a’ phròiseict. Faodar taic neo-ionmhasail airson ùine air a thoirt seachad gu saor-thoileach a thuairmse le luach de cho-dhiù am Fìor Thuarastal Bith-beò no tuarastal gnìomhachais iomchaidh, ma tha sin ri fhaighinn, is bu chòir seo a bhith air ainmeachadh sa bhuidseat an dà chuid mar theachd-a-steach agus cosgaisean.
Cha bhi sinn a’ cur taic ri cosgaisean pròiseact ri linn:
- Cosgaisean-tòiseachaidh no cosgaisean ruith leantainneach aig buidhnean
- Cosgaisean ri linn cur air dòigh, frithealadh no pàirt a ghabhail sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail no Mòdan Ionadail
- Fèisean ionadail (a tha air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig tro Fhèisean nan Gàidheal)
- Siubhal air itealan (tha sinn a’ moladh gun tèid dòighean le nas lugha eimiseanan a thaghadh)
- Cosgaisean uidheamachd thairis air £500 gu h-iomlan
- Duaisean co-fharpaisean
- Lìbhrigeadh curraicealam na sgoile
- Seiseanan tràth-bhliadhnaichean
Ciamar a thèid sinn ar phàigheadh?
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, ma tha dùil agaibh gum bi am pròiseact crìochnachadh taobh a-staigh 12 mìosan, gheibh sibh 80% den tabhartas iomlan às dèidh dhuibh an t-aonta taic-airgid is aithisgean sam bith a tha a dhìth airson phròiseactan eile a chur a-steach, leis an 20% mu dheireadh air a phàigheadh às dèidh dhuibh aithisg dheireannach iomchaidh a thoirt seachad airson a’ phròiseict.
Airson phròiseactan a thathar an dùil a ruith airson còrr is 12 mìosan, gheibh sibh, sa chumantas, 40% den tabhartas iomlan às dèidh dhuibh an t-aonta taic-airgid is aithisgean sam bith a tha a dhìth airson phròiseactan eile a chur a-steach. Bidh suas ri 50% den tabhartas ri phàigheadh às dèidh dhuibh aithisg adhartais a chur a-steach letheach slighe tron chlàr-ama a bha an dùil airson a’ phròiseict, is an 10% mu dheireadh (ma tha e a dhìth) ri phàigheadh às dèidh dhuibh aithisg dheireannaich iomchaidh a thoirt seachad.
Bitheamh mothachail gu bheil gach pròiseact air am maoineachadh air stèidh rèidh, agus gum bi dleastanas oirbh taic-airgid Bòrd na Gàidhlig sam bith nach deach a chleachdadh air pròiseact tilleadh thugainn.
Ag aithneachadh taic
Mar bhuidheann phoblach, tha e cudromach dhuinn gu bheil fios aig a’ phoball air mar a tha sinn a’ cleachdadh ar cuid airgid, is mar sin tha e cudromach gu bheil sibh ag aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic-airgid dhan phròiseact agaibh (far a bheil sin iomchaidh). Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh dleastanas oirbh an taic-airgid againn aithneachadh ann an diofar dhòighean tron phròiseact is fios a thoirt seachad dhuinn sna h-aithisgean agaibh air mar a rinn sibh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach toir sibh sùil air an Stiùireadh Aithneachaidh is Stiùireadh Brannd air an làrach-lìn againn.
Sgrùdadh is measadh air a’ phròiseact
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh is measadh a dhèanamh air mar a thèid am pròiseact agaibh a lìbhrigeadh agus a’ bhuaidh aige a shealltainn sna h-aithisgean a thèid iarraidh oirbh.
Feumar aithisg dheireannach a chur a-steach airson gach pròiseact a thèid a mhaoineachadh, agus ma tha dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ maireachdainn nas fhaide na 12 mìosan, feumaidh sibh aithisg adhartais a chur a-steach mu letheach slighe tro fhaid a’ phròiseict agaibh.
Aig a’ char as lugha, bidh sinn ag iarraidh oirbh clàradh cia mheud duine a tha a’ gabhail pàirt sa phròiseact agus faighneachd de chom-pàirtichean (no sampall de na chom-pàirtichean airson tachartasan/pròiseactan mòra) airson fios fhaighinn air beachdan aca air buaidh am pròiseact air an cleachdadh, ionnsachadh no beachd aca den Ghàidhlig.
Thèid iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil sgrùdadh a dhèanamh air a’ phròiseas, dè na thargaidean a bhios sibh a’ cleachdadh gus measadh an robh am pròiseact soirbheachail is mar a bhios sibh a’ trusadh fiosrachaidh bho chom-pàirtichean.
Bidh e comasach dhuibh na h-aithisgean a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io, agus bidh e comasach seo fhaicinn ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Àrainneachd, Co-ionnanachd, Iomadachd & In-ghabhalachd agus Obair Cothromach
Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig gus cur air adhart deagh chleachdadh ann a bhith:
- A’ lùghdachadh buaidh air an àrainneachd
- A’ brosnachadh co-ionannachd chothroman do dhaoine le feart dìonta a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- A’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014
Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn ag iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ dèanamh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:
- Fiosrachadh air àireamhachadh is lùghdachadh eimiseanan carbon bho Creative Carbon Scotland
- Fiosrachadh mu na feartan dìonte a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- Mu dheidhinn Pàrantan Corporra agus cumail taic ri clann a tha air a bhith ann an cùram
Obair Chothromach
Feumaidh buidhnean a tha a’ faighinn maoineachadh poblach ann an Alba cumail ri poileasaidh Obair Chothromach aig Riaghaltas na h-Alba, agus mar sin feumaidh iad:
- Co-dhiù am fìor Thuarastal Beò a phàigheadh; agus
- Dòighean iomchaidh airson guth luchd-obrach èifeachdach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird, a chruthachadh
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den tagradh agus an aithris agaibh dearbhadh gu bheil sibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh agus fianais a thoirt seachad gun do rinn sibh sin.
Tha tuilleadh stiùireadh air mar a tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ cur an gnìomh poileasaidh Obair Cothromach ri fhaighinn an seo, is tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba air am poileasaidh ri fhaighinn an seo.
A’ cur iarrtas a-steach
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ‘s a tha sibh ag obair air. Faodaidh sibh gach faidhle-taic a chur a-steach tron phortal.
Dùnaidh portal nan iarrtasan aig 3f air Dimàirt 28 Faoilleach 2025 agus cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach às dèidh a’ chinn-uidhe sin ach ma fhuaras cead ro-làimh bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.
Tha taic mionaideach ri fhaighinn air an fhiosrachadh a tha sinn a’ sireadh bho gach ceist.
Ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis a’ phortal, ma tha sibh airson na faidhlichean iarrtais fhaighinn ann an cruth eadar-dhealaichte, no ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh an iarrtais nach cuir sibh post-d thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach, ach a-mhàin ma tha sibh a’ cur iarrtas a-steach às leth sgoile, feumaidh sibh na faidhlichean-taic riatanach a leanas a chur còmhla ris:
Riatanach
- Bonn-stèidh no Meòrachan agus Artaigilean Companaidh
- Na cunntasan bliadhnail mu dheireadh no, ma ‘s e buidheann air stèidheachadh o chionn goirid a th’ annaibh, litir bhon bhanca a’ dearbhadh gu bheil sibh air cunntas fhosgladh a bharrachd air aithrisean banca sam bith a tha rim faighinn
- Poileasaidh Dìon Chloinne no Barantachaidh (ma tha clann no inbhich so-leònte an sàs sa phròiseact)
- Liosta de Bhuill a’ Bhùird no Comataidh (ach a-mhàin airson companaidhean clàraichte)
Air am moladh (ma tha iad rim faighinn)
- An Aithisg Bhliadhnail mu dheireadh
- Poileasaidh Gàidhlig
- Poileasaidh co-ionannachd chothroman no Poileasaidh co-ionnanachd, iomadachd is in-ghabhaltachd
- Poileasaidh no aithris àrainneachd
Mur eil na sgrìobhainnean a bharrachd a tha a dhìth air an cur a-steach còmhla ri iarrtas (ach a-mhàin mas e iarrtas as leth sgoil a th’ ann ), bidh an t-iarrtas neo-cheadaichte agus cha tèid a mheasadh.
Mar a nì sinn measadh air an iarrtas
Gheibh sibh post-d fèin-obrachail bhon phortal Fluxx a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an t-iarrtas agaibh. Mur eil sibh air seo fhaighinn, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an t-iarrtas agaibh a chur a-steach is nach eil sibh dìreach air a shàbhaladh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air iarrtasan nuair a thig iad a-steach le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil iad a’ leantainn riaghailtean na maoine agus gu bheil iad a’ toirt seachad an fhiosrachaidh a tha a dhìth. Ma thathar den bheachd nach eil an t-iarrtas agaibh ceadaichte, thèid iarraidh oirbh seo a chur ceart. Mur eil an t-iarrtas agaibh gu tur a’ leantainn riaghailtean na maoine aig 10m air Diluain 10 Gearran 2025 dh’fhaodte gun tèid an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh gun mheasadh.
Thèid gach iarrtas ceadaichte a mheasadh le pannal de dh’ oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig a rèir an stiùireadh-measaidh, agus cuiridh iad molaidhean do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a nì an co-dhùnadh air na h-iarrtasan.
Dh’fhaodadh gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no mìneachadh air fiosrachadh mu dheidhinn a’ phròiseict mar phàirt den phròiseas measaidh. Mur an tèid am fiosrachadh seo a thoirt seachad taobh a-staigh 5 làithean-obrach, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gum faod sinn an t-iarrtas agad a dhiùltadh.
Tha sinn an dùil gun tèid innse dhuibh mu cho-dhùnaidhean air an iarrtas agaibh le phost-d sa chiad leth sa Mhàirt 2025.
Ma thèid taic a thabhann dhuibh, thèid litir taic-airgid a chur thugaibh tro Docusign dhan neach-sgrìobhaidh ainmichte agaibh (no luchd-sgrìobhaidh ma tha sibh nar buidheann le luchd-obrach agus gum feum sibh Dearbhadh Obrach Chothromaich a lìonadh). Bidh suas ri 30 latha agaibh gus gabhail ris an tairgse (is cumhaichean) no thèid an tairgse taic-airgid a thoirt air ais.
Mur eil sibh riaraichte le co-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagradh againn faodaidh tu gearain a chur a-steach ma tha thu den bheach nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agad a-rèir an stiùireadh ‘sa is an stiùireadh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha ar modhan gus dèiligeadh ri ghearanan ri fhaighinn an seo.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin seo, tadhail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig no cuiribh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Faodaidh tu cuideachd sùil a thoirt air freagairtean ri cheistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.
Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air an làraich-lìn againn.
Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh seo is de dh’fhoirmichean-iarrtas ma tha sibh ag iarraidh agus dh’ fhaodadh gun tèid iad air fhoillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/taic-freumhan-coimhearsnachd/