Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean 2024/25
Tha an sgeama seo dùinte ri iarrtassan ùra an-dràst.
Gheibhear fiosrachadh air iarrtasan soirbheachail bho 2016/17 air adhart tro GrantNav.
Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig air a ruith is air a mhaoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig is ri fhaighinn airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig gus seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a ruith do chlann aig aois 0-3. Tha an sgeama a’ cur taic ri amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig ri linn cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh agus foghlam nan tràth-bhliadhnaichean.
Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ri fhaighinn do na buidhnean tràth-bhliadhnaichean saor-thoileach no treasaibh-roinn uile a tha airson seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh airson clann aig aois 0-3 anns a’ bhliadhna-sgoile 2024/25.
Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri bhuidhnean a tha sealltainn mar a bhios iad a’ coileanadh na builean leanas:
- A’ daingneachadh gu bheil cothrom seasmhach aig clann is teaghlaichean air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
- A’ cur ris an àireamh chloinne a tha a’ cumail a’ dol le ionnsachadh tron Ghàidhlig aig ìrean eadar-ghluasaid
- A’ cuideachadh barrachd theaghlaichean ann an Alba a bhith mothachail air na buannachdan a thig bho dhà-chànanas agus air na cothroman a gheibhear le foghlam tron Ghàidhlig
- A’ cuideachadh phàrantan gus am bi eòlas nas fheàrr aca air goireasan agus air na cothroman a th’ ann gus taic a chumail is conaltradh a dhèanamh ri an cuid chloinne tron Ghàidhlig san taigh agus sa choimhearsnachd
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn riaghailtean na sgeama is na tha sinn sùileachadh bho iarrtasan ri fhaighinn san stiùireadh na sgeama.
Bidh sinn a’ ruith dà seisean fiosrachaidh airson na sgeama, aig 2f air Diluain 3 Ògmhios 2024 agus 7f air Dimàirt 4 Ògmhios 2024, tro Microsoft Teams – faodaidh sibh clàradh airson na seiseanan seo air Eventbrite an seo.
Faodaidh sibh iarrtasan a chur a-steach airson na sgeama tron phortal maoineachaidh againn, Fluxx, aig https://bng.fluxx.io, air no tha lethbhreac den foirm ri fhaighinn gu h-ìosal a faodaidh sibh a chur thugainn (leis na faidhlichean taic riatanach) tro phost-d aig tabhartas@gaidhlig.scot no sa phost aig Taigh a’ Ghlinne Mhoir, Inbhir Nis, IV3 8NW.
Ma tha ceistean sam bith agaibh air an sgeama, no ma tha sibh airson bruidhinn ri cuideigin mun iarrtas agaibh, nach cuiridh sibh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot
Ceann-latha airson Iarrtasan
Feumaidh sinn an iarrtas agaibh air a chrìochnachadh fhaighinn ro 3f air Diardaoin 27 Ògmhios 2024. Cha ghabh ri iarrtasan anmoch ann an suidheachadh sònraichte ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig.
Faidhlichean/ceanglaichean le fiosrachadh feumail
Stiùireadh na Sgeama do Thagraichean
Foirm-iarrtais (tro phortal tabhartasan Fluxx)
Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais
Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.