Tabhartasan Foghlaim 2024/25
Dhùn an sgeama aig 3f air Dimàirt 10 Sultain 2024, le fios air a chur ri na tagraidhean air co-dhùnaidhean.
Tha Bòrd na Gàidhlig air a’ mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt do dhaoine a tha ag obair a dh’ionnsaigh a bhith toirt dreuchd a-mach mar neach-teagaisg Gàidhlig agus taic a thoirt do thidsearan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na sgilean aca a leasachadh.
Cò dh’fhaodas iarrtas a chur a-steach?
Gabhaidh sinn beachd air iarrtasan airson am bliadhna acadaimigich 2024/25 bho:
- Oileanaich a tha a’ dèanamh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (airson ìre Bun-sgoile agus Àrd-sgoile – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tron Ghàidhlig)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh Fo-cheum ann am Foghlam Gàidhlig, (BA no MA Foghlam, no MA ann an Gàidhlig le Foghlam)
- Oileanaich a tha a’ dèanamh HNC no HND ann an tràth-bhliadhnaichean no cùram-chloinne na Gàidhlig
- Luchd-teagaisg a tha ann an dreuchd co-cheangailte ri foghlam tron Ghàidhlig a tha airson cùrsa a dhèanamh gus na sgilean aca a leasachadh no
- Luchd-teagaisg le teisteanas a tha airson na sgilean aca leasachadh gus gluasad gu foghlam tron Ghàidhlig
Dè an taic a gheibhear?
Tha taic ri fhaotainn airson cìsean cùrsaichean freagarrach, mur eil thu airidh air taic bho SAAS airson seo.
Tha tabhartas bunaiteach de £700 (£350 do dhaoine air cùrsa pàirt-thìde) ri fhaighinn do gach oileanach air cùrsa BA/MA, HNC/HND no PGDE freagarrach.
Faodaidh daoine a tha air a bhith ann an obair làn-thìde airson còrr is 12 mìosan ro thòiseach a chùrsa suas ri £1,000 airson gach bliadhna-obrach (suas ri £4,000) a’ sireadh.
Gheibhear daoine air cùrsa PGDE no HNC/HND làn-thìde suas ri £550 a bharrachd, is tha tabhartas a bharrachd de suas ri £1,000 ri fhaighinn do dhaoine a tha ann no air a bhith ann an cùram.
Tha suas ri £5,000 ri fhaighinn do gach oileanach thairis air a’ chùrsa aca.
Airson fiosrachadh mionaideach air na tha ri fhaighinn, leughaibh stiùireadh na maoine an seo.
Airson daoine a tha gabhail cùrsa PGDE, agus a th’ air a bhith ann an obair làn-thìde airson 36 mìos den 84 mìos mu dheireadh is fo-cheum aig ìre 2:1 mar thà, tha sinn a’ moladh gu mòr gun cuiridh sibh a-steach airson an sgeama Bursaraidhean Teagaisg aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, is cothrom bursaraidh suas ri £20,000 ri fhaighinn.
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dimàirt 3 Sultain 2024.
Thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh air iarrtasan san t-Sultain, is thèid co-dhùnaidhean sgaoileadh ro dheireadh an t-Sultain 2024.
Ma tha ceistean sam bith agaibh nach leig sibh fios dhan Sgioba Foghlaim aig foghlam@gaidhlig.scot no an Sgioba Thabhartasan aig tabhartas@gaidhlig.scot
Cuiribh iarrtas a-steach tro Fluxx
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.