Sgeama Oifigearan Gàidhlig
Chan eilear a’ gabhail iarrtas ùire airson an Sgeama an-dràst. Tha fiosrachadh gu h-ìosal a’ toirt iomradh air a’ chiad cuairt maoineachaidh.
‘S e maoin ùr a th’ anns an Sgeama Oifigearan Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean gus oifigear fhastadh airson obair leasachaidh Gàidhlig a dhèanamh.
Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan bho buidhnean treas-roinn a tha airson dreuchd ùr a stèidheachadh, no airson sìneadh a thoirt air dreuchd leasachadh Gàidhlig.
Tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri dreuchdan ann an coimhearsnachdan no roinnean far a bheil solar nas lugha de dh’oifigearan leasachaidh Gàidhlig an taca ri coimhearsnachdan is roinnean eile.
Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan a chumas taic ri dreuchdan a mhaireas suas ri 12 mìosan, is faodar taic a shireadh airson dreuchdan làn-thìde no pàirt-thìde.
’S e £250,000 am buidseat ris a bheilear an dùil airson an sgeama seo. Faodar iarrtasan airson pròiseactan a chur a-steach airson suas ri £40,000 agus feumaidh buidhnean airgead suas ri co-dhiù 20% de chosgaisean a chur a-steach (is faodaidh seo gabhail a-steach taic-airgid bho thùsan eile, leithid bhuidhnean poblach/ùghdarrasan ionadail).
Bu chòir dhuibh bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn ma tha ceistean agaibh mu dheidhinn a’ phròiseict no iarrtas agaibh air post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot. Feumaidh iarrtasan a bhith aig Bòrd na Gàidhlig tro phost-d ro 2f air Dihaoine 18 Gearran 2022.
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn na sgeama gu h-ìosal:
Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal air buidhnean a fhuair taic tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig, gu ruige Iuchar 2024:
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.