Maoin Phlanaichean Gàidhlig
Tha Sruth Phròiseactan den sgeama fosgailte airson iarrtasan 2025/26 gus 3f air Dimàirt 6 Cèitean 2025.
Tha am Maoin Phlanaichean Gàidhlig, air an robh an ainm Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) roimhe, ri fhaighinn airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28. Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tron sgeama gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.
Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air pròiseactan bho 2016/17 air adhart a fhuair taic tro GLAIF is am Maoin Phlanaichean Gàidhlig ri fhaighinn tro GrantNav.
Airson 2024-27, thathar a’ ruith an sgeama ann an dà shruth – Sruth Ro-innleachdail is Sruth Phròiseactan.
- Bidh an Sruth Ro-innleachdail a’ tabhann cothrom do 6 ùghdarrasan ionadail aon iarrtas an urra a chur a-steach stèidhichte airson taic 3-bliadhna airson mìneachadh mar a chuireas iad an gnìomh am Plana Gàidhlig aca. ‘S iad na 6 ùghdarrasan ionadail aig a bheil cead cur a-steach:
- Comhairle nan Eilean Siar
- Comhairle na Gàidhealtachd
- Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
- Comhairle Baile Ghlaschu
- Comhairle Baile Dhùn Èideann
- Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath
- Bidh an Sruth Phròiseactan a’ tabhann cothroman do dh’ ùghdarrasan poblach eile cur a-steach aairson suas ri 3 phròiseactan an urra fad aon-bhliadhna airson pròiseactan a ruith eadar Lùnastal 2025 is Lùnastal 2026 (is seo ag obair mar a bha sgeama Maoin Phlanaichean Gàidhlig is GLAIF ann am bliadhnaichean roimhe. Bha cuairt ann airson 2024/25 an uiridh is bidh cuairt eile airson 2026/27 ann an ath bhliadhn’.
Gheibhear ceangal gu stiùireadh airson na sgeamaichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh nach cuiridh sibh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot
Sruth Phròiseactan
Foirm-iarrtais Maoin Phlanaichean Gàidhlig (air portal iarrtasan Fluxx)
Stiùireadh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2025/26
Stiùireadh-measaidh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2025/26
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.