Colmcille 2024/25

Tha taic airson pròiseactan Cholmcille a-nise (bho 2024 air adhart) ri fhaighinn tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Tha am fiosrachadh gu h-ìosal bhon sgeama 2024/25 a chaidh a ruith eadar Dùbhlachd 2023 is Gearran 2024.

Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic bho 2018/19 air adhart tro GrantNav.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an Colmcille. Bidh e a’ brosnachadh conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge.

Tha taic-airgid ri fhaighinn gus taic a chumail ri phròiseactan a bheireas luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Tha sgeama am-bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chumail ri phròiseactan a bhios:

  • A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig is na Gaeilge tro na h-ealain
  • A’ cleachdadh dualchas gus coimhearsnachdan Gàidhlig/Gaeilge a thoirt còmhla agus gus inbhe nan cànanan a thogail
  • A’ toirt luchd-labhairt òga na Gàidhlig is na Gaeilge còmhla tro thachartasan no pròiseactan/turasan sgoile
  • A’ brosnachadh conaltradh agus a’ sgaoileadh eòlas agus deagh chleachdaidhean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge

Gheibhear ceangal gu Stiùireadh do Thagraichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal, le faidhlichean eadar-dhealaichte a-rèir ma tha sibh airson pròiseact a chur air dòigh no cùrsa Gaeilge a dhèanamh.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Pròiseactan

Stiùireadh do thagraichean

Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais

Stiùireadh-measaidh

Cùrsa Gaeilge

Stiùireadh do thagraichean

Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security