Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic luach mu £2.4M gach bliadhna ri buidhnean a bhios a’ cur an gnìomh pròiseactan gus cleachdadh, ionnsachadh is inbhe na Gàidhlig a bhrosnachadh is cuideachadh le bhith lìbhrigeadh Plana Chorporra BnG.
Gheibhear iomradh gu h-ìosal air na buidhnean le aonta taic-airgid airson na bhliadhna-ionmhais seo. Tha fiosrachadh air suimeanann air a thabhann do Bhuidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh o 2018 ri fhaighinn tro GrantNav an seo.
Far a bheil na Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh againn stèidhichte.
Acair

A’ foillseachadh litreachais sa Ghàidhlig, a’ cumail taic leasachaidh ri ùghdaran agus eadar-theangairean agus brosnachadh litreachais na Gàidhlig aig tachartasan air feadh na h-Alba.
Ainmean-Àite na h-Alba

A’ dealbhachadh agus ùrachadh stòr-dàta air-loidhne de dh’ ainmean-àite Gàidhlig agus a cumail taic ri ùghdarrasan ionadail ann a bhith dearbhadh soidhnichean Gàidhlig.
Ceòlas

A’ toirt cothroman bogaidh Gàidhlig seachad ann an Uibhist a Deas le prògram de thachartasan ealain agus clasaichean Gàidhlig cunbhalach.
Comhairle nan Leabhraichean

A’ toirt comhairle agus taic-foillsichidh do roinn litreachais na Gàidhlig, le tabhartasan agus leasachadh proifeiseanta do dh’ ùghdaran agus taic reic agus margaidheachd do foillsichearan.
An Comunn Gàidhealach

A’ ruith am Mòd Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna agus a’ cur taic ri 18 diofar Mòdan ionadail air feadh na h-Alba.
Comunn na Gàidhlig

A’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh le lìonradh de dh’ oifigearan leasachaidh Iomairtean agus buidhnean òigridh Sradagan air feadh na h-Alba. A’ lìbhrigeadh tachartasan nàiseanta leithid co-fharpais ball-coise Cuach na Cloinne agus campaichean samhraidh bhliadhnail.
Cuideachd a’ cur taic ri oifigearan Comann nam Pàrant ann a bhith lìbhrigeadh am prògram aca a tha cur taic ri pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no a tha a’ sireadh solar FtG ùr.
Faclair na Gàidhlig

A’ dealbhachadh faclair eachdraidheil mion-fiosrachail airson na Gàidhlig agus a’ dealbhachadh goireasan corpais còmhla ri Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG) aig Oilthigh Ghlaschu.
Fèisean nan Gàidheal

A’ cur taic ri bhith ruith còrr is 45 diofar Fèisean ionadail air feadh na h-Alba a tha toirt oideachadh ann an ceòl is ealain na Gàidhlig. Cuideachd a’ ruith Fèis Blas gach bliadhna air feadh na Gàidhealtachd ’s na h-eileanan agus a’ leasachadh an goireas air-loidhne FèisTV.
Ionad Chaluim Chille Ìle

A’ toirt ionad Ghàidhlig do dh’ Ìle airson taic a chur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig do dhaoine a tha tadhail air an ionad agus cuideachd aig astar.
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

A’ dealbhachadh goireasan airson foghlam Gàidhlig a’ gabhail a-steach leabhraichean agus goireasan air-loidhne. A tabhann cothroman leasachaidh proifeasanta do thidsearan tron cho-labhairt bliadhnail an t-Alltan agus seiseanan air-loidhne. A’ cur taic ri pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig tron làrach-lìn Gaelic4Parents.
Theatre Gu Leòr

A’ toirt taic proifeasanta do roinn dràma na Gàidhlig le cuairtean cunbhalach, cothroman trèanaidh do luchd-ealain agus leasachadh ’s brosnachadh don roinn san fharsaingeachd.
Tobar an Dualchais

A’ taisbeanadh clàraidhean fuaim de dh’ òrain, ceòl is beul-aithris na Gàidhlig is Albais is dhan glèidheadh airson ginealachdan ri teachd.