Maoineachadh

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ faighinn Tabhartas gus Cuideachadh bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan againne a choileanadh.

’S ann tro bhith a’ maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a’ coileanadh a’ mhòr-chuid den obair ris a bheil sinn an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a’ toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a’ maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ toirt maoineachadh do bhuidhnean poblach a tha a’ dealbh is a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith sgeamaichean taic-airgid tron bhliadhna. Ge-tà, ma tha beachd agaibh air pròiseact aig àm sam bith den bhliadhna is nach eil sgeama taic-airgid freagarrach fosgailte aig an àm sin, leigibh fios thugainn.

Airson am fios as ùra air sgeamaichean maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig, clàraichibh an-seo.

Cothroman Maoineachaidh

Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security