Manaidsear Foghlaim ùr aig Bòrd na Gàidhlig
Tha e na thoileachas mòr do Bhòrd na Gàidhlig an naidheachd fhoillseachadh gun deach Joanne McHale fhastadh mar am Manaidsear Foghlaim ùr aig a’ bhuidhinn. Bidh tòrr de na buidhnean is daoine leis a bheil sinn ag obair eòlach air Joanne, thoradh tha i air a bhith ag obair dhuinn mar Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) bho 2014. Ron sin, bha i na h-Oifigear Thràth-bhliadhnaichean aig a’ Bhòrd.
Bidh e an urra ris a’ Mhanaidsear Fhoghlaim tòrr de na h-iomairtean is gnìomhan ann am Planaichean Corporra is Gnìomh a’ Bhùird a thoirt air adhart, agus i a’ dèanamh sin gu h-àraidh tro cho-obrachadh le Riaghaltas na h-Alba, Foghlam Alba, Comann nam Pàrant agus ùghdarrasan ionadail. Cuideachd, bidh Joanne san dreuchd ùir seo a’ toirt taic do na h-ùghdarrasan poblach fhad ’s a tha iad ag ullachadh is a’ coileanadh nam Planaichean Gàidhlig aca agus cuidichidh i le bhith a’ cur foghlam na Gàidhlig air adhart an lùib diofar iomairtean is leasachaidhean foghlaim.
Thuirt Shona NicIllinnein, an Ceannard: “Tha mi cho toilichte gur i tè den luchd-obrach againn fhìn a tha a’ gabhail na dreuchd ùire seo os làimh, agus tha fios agam leis cho fìor mhath ’s a tha Joanne air a bhith a’ co-obrachadh le càch agus leis an eòlas a th’ aice air roinn an fhoghlaim gun dèan i feum mòr do raon foghlam na Gàidhlig san obair ùir aice.”
’S ann às a’ Ghearasdan a tha Joanne agus chaidh i tro Fhoghlam tron Ghàidhlig san sgìre agus gu Àrd-sgoil Loch Abar, agus tha i an-dràsta a’ dèanamh BA pàirt-thìde ann an Gàidhlig is Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig.
Thuirt Joanne McHale: “Às dèidh dhomh 8 bliadhna a chur seachad ag obair ann an Sgioba an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, tha mi fìor thoilichte an dreuchd ùr seo a ghabhail os làimh, Manaidsear Foghlaim. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean airson dèanamh cinnteach gun tig fàs air Foghlam na Gàidhlig agus gun lean an t-adhartas a chunnacas thar nam bliadhnaichean. Tha cothroman san roinn gus iomairtean ùra a chur an sàs agus tha dùbhlain ann cuideachd air am feum sinn fuasgladh fhaighinn.”
Bidh Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ sanasachd dà dhreuchd eile sna seachdainean a tha ri thighinn, Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) agus Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig (Pàirt-ùine).