Lèirmheas neo-eisimeileach lìbhrigeadh sgilean : gairm airson fianais
Tha am Ministear airson Foghlam Àrd-ìre, Foghlam Adhartach, Cosnadh Òigridh agus Trèanadh air gairm airson fianais airson ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air lìbhrigeadh sgilean ann an Alba.
Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle seo anns an robh na leanas:
Mholamaid gum biodh cruth-tìre nan sgilean a’ gabhail a-steach raon de chùisean co-cheangailte ri coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na dùthcha gu h-iomchaidh. Ann an Alba tha foghlam air a sholarachadh tro mheadhan na Gàidhlig no na Beurla agus tha e cudromach gun dèan an ro-innleachdan sgilean againn agus na buidhnean a tha a’ stiùireadh leasachaidh cinnteach gun tèid beachdachadh air an dà chuid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG) agus tro mheadhan na Beurla (FtB) sa phlanadh uile.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.