Goireas ùr do Bhuidhnean Thràth-bhliadhnaichean 0-3 ga chur air bhog le Bòrd na Gàidhlig
Thèid pasgan fiosrachaidh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean 0-3 a chur air bhog air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig an-diugh.
Tha Bòrd na Gàidhlig air am pasgan ullachadh airson stiùireadh agus fiosrachadh a thoirt do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig airson an cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh is a’ ruith na buidhne aca.
Tha fianais ann gu bheil na buidhnean fìor chudromach mar a’ chiad cheum gus a’ Ghàidhlig a thogail agus a chleachdadh ann an coimhearsnachdan agus anns an dachaigh. Tha a’ chlann a’ togail na Gàidhlig gun fhiosta agus tha seo gan deisealachadh airson a dhol a-staigh do dh’Fhoghlam tron Ghàidhlig anns na tràth ìrean.
Thuirt Leas Prìomh Mhinisteir Iain Swinney, “Tha Foghlam Gàidhlig na phrìomhachas do Riaghaltas na h-Alba agus tha sinn mothachail air cho cudromach ’s tha e cothroman bogaidh sa chànain a thoirt do chloinn aig ìre thràth nam beatha.
“Tha mi a’ cur fàilte air obair a’ Bhùird ann a bhith a’ cumail taic ri pàrantan is Buidhnean nan Tràth-ìrean a tha airson na cothroman a tha seo a chruthachadh do ar n-òigridh agus tha mi an dòchas gum bi am pasgan glè luachmhor ann a bhith a’ toirt air adhart nan amasan seo.”
Tha iomadh buidheann thràth-bhliadhnaichean air taic fhaighinn tro chom-pàirteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant le taic bho mhaoineachadh CYPFEIF is ALEC. Aig na buidhnean, tha a’ chlann a’ faighinn chothroman spòrsail gus òrain is rannan, sgeulachdan beaga agus abairtean feumail ionnsachadh as urrainn dhaibh cleachdadh aig an taigh fhad ’s a bhios iad a’ cluich.
Thuirt Màiri NicIlleMhoire, Oifigear Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, a th’ air a bhith ag obair gus am Pasgan a tharraing còmhla, “Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig mothachail gur e luchd saor-thoileach a th’ anns a’ mhòr-chuid a tha a’ stiùireadh nam buidhnean seo agus bha sinn airson a bhith cinnteach gun robh stiùireadh is taic ann dhaibhsan a bha a’ gabhail na h-obrach cudromaich seo os làimh. Leis gu bheil comataidhean a-nis a’ tòiseachadh ann an diofar sgìrean dè dh’Alba far a’ bheil pàrantan ag iarraidh Foghlam tron Ghàidhlig a stèidheachadh as ùr, tha e air a bhith air leth feumail do chuid mar-thà. Tha sinn an dùil gun cùm seo taic ri deagh riaghlachas anns na buidhnean thràth-bhliadhnaichean agus ris an t-sàr obair a tha a’ tachairt san roinn seo an-dràsta.”
Am broinn a’ phasgain tha trì earrannan: Toiseach Tòiseachaidh, Ionmhas agus Luchd-obrach. Tha gach earrann a’ toirt fiosrachadh feumail, practaigeach is gnìomhach seachad do bhuidhnean a tha stèidhichte mar-thà agus cuideachd do dhaoine nach eil air buidheann a stèidheachadh riamh roimhe. Tha cuideachd teamplaidean ann a bheir taic a thaobh àrachais, foirmean-clàraidh, postairean, bileagan fiosrachaidh do phàrantan, taic le foirmichean iarrtais agus taic-airgid am measg an tuilleadh.
Tha Bòrd na Gàidhlig fada an comain a’ chom-pàirteachais a th’ againn le Comann nam Pàrant agus ri linn seo, dhan maoineachadh a thàinig tro CYPFEIF is ALEC airson an dà chuid taic a chumail ris na buidhnean thràth-bhliadhnaichean agus dhan fhoillseachadh ùr seo. Bu toil leis a’ Bhòrd taing a thoirt do Chaidreachas Cùraim is Ionnsachaidh (CALA) airson na taice aca le bhith a’ dealbh nan teamplaidean a tha sa Phasgan.
Thuirt Jaci Douglas , àrd-oifigear CALA, “Tha e sgoinneil a’ bhith faicinn Bòrd na Gàidhlig a’ cur air bhog a’ ghoireis fheumail a tha seo, a tha suidhe cho math leis an amas a bhith ag obair ann an com-pàirteachas agus a bhith a’ toirt taic do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig. Chan eil e furasta a bhith a’ stèidheachadh buidheann thràth-bhliadhnaichean sa Ghàidhlig, ach tha an goireas seo taiceil do phàrantan, oir tha e a’ toirt taic agus stiùireadh dhaibh air a’ phròiseas, ceum air cheum agus tha e uamhasach cuideachail agus furasta a chleachdadh. Tha sinne a’ coimhead air adhart gus taic a’ chumail ris na buidhnean thràth bhliadhnaichean Gàidhlig agus tha sinn an dòchas gum faic sin iad a fàs agus a’ soirbheachadh.”