Freagairt air Co-chomhairleachadh: Frèam Measaidh Pàircean Nàiseanta Ùra
Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle Frèam Measaidh Pàircean Nàiseanta Ùra le Riaghaltas na h-Alba. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt na co-chomhairle seo oir bhitheamaid ag iarraidh aithne gu leòr fhaicinn do dhualchas cultarach – de bheil cànan is cultar na Gàidhlig na phrìomh eileamaid – taobh a-staigh an fhrèam mheasaidh.
Le bhith a’ tuigsinn cruth-tìre na Gàidhlig agus ag àrdachadh mothachadh air aon de chànanan dùthchasach na h-Alba, bithear a’ neartachadh na dòigh sam bi cruth-tìre na h-Alba agus an dualchas cànanach agus cultarach aige a’ tàladh dhaoine agus a’ daingneachadh na faireachdainn aca gu bheil an cruth-tìre air leth. Le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil Pàirc Nàiseanta ùr sam bith a’ cur cudrom air cànan is cultar na Gàidhlig sa chiad dol a-mach, gheibh a’ Phàirc, a luchd-còmhnaidh, agus luchd-tadhail buannachd à mothachadh air àite, cothrom Gàidhlig a chleachdadh agus ionnsachadh, agus an cuid sunnd àrdachadh tro bhith a’ ceangal nàdar agus cànan.
Gheibhear am freagairt slàn an seo.