Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba)

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air am Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba). Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:
“Ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG), tha e ro-chudromach gum bi cothroman practaigeach ann gus an cànan a chleachdadh. Bheir cothrom air farsaingeachd de ghnìomhan a-muigh cothrom do chloinn agus do dhaoine òga gus an cuid sgilean Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean sòisealta le bhith a’ toirt a’ chànain a-mach às an t-seòmar-sgoile. Mar as luaithe a gheibhear na cothroman sin ’s ann as Ĭeàrr a chuidicheas iad le bhith a’ leasachadh misneachd agus sgilean cànain.”