Freagairt air Co-chomhairleachadh: Bile Foghlaim (Alba) – Gairm mhionaideach airson beachdan.

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air am Bile Foghlaim (Alba) – Gairm mhionaideach airson beachdan. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:
“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a bhith a’ cruthachadh Cairtean Luchd-ionnsachaidh, Luchdteagaisg is Luchd-cleachdaidh agus air an riatanas cochomhairle a chumail mar phàirt den obair ullachadh aca. Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach riochdairean bho fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus guth a thoirt dhaibhsan a bhios a’ cleachdadh agus a’ lìbhrigeadh theisteanasan agus mar dhòigh air fios air ais a thoirt seachad agus fhaighinn. Bidh na Cairtean deatamach airson an dà chuid ro-innleachd agus obrachadh ann an Teisteanasan Alba, agus tha e deatamach gun toir iad sin cothromas dhaibhsan a tha an sàs ann am FtG agus gum bi iad air an taisbeanadh gu dà-chànanach. Tha prionnsapal na tairgse gnìomhaich ann an solar sheirbheisean poblach stèidhichte mar dheagh chleachdadh airson mion-chànanan.”