Freagairt Bhòrd na Gàidhlig air Co-Chomhairleachadh Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach
Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a cur fàilte air Co-Chomhairleachadh Riaghaltais na h-Alba agus na geallaidhean leantainneach aca ris a’ Ghàidhlig, a tha a cur ri na h-amasan a th’againne airson a’ chànan. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha cànanan dùthchasail na h-Alba air fad agus na tha iad a’ cur ri cultur na dùthcha agus sinn cuideachd a’ cur taic ri na molaidhean mu Albais sa cho-chomhairleachadh seo.”
“Tha an fhianais bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil taic agus iarrtas airson na Gàidhlig a’ fàs, gu h-àraid a-measg dhaoin’ òga agus ‘s e ceum cudromach a tha seo a dh’ionnsaidh a bhith ag àbhaisteachadh a’ chànain.”
“Tha barrachd is barrachd theaghlaichean a’ sireadh Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a mhòr chuid de dh’Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba a nis a’ tabhann, no a’ tòiseachadh air Foghlam to mheadhan na Gàidhlig a thabhann. Tha na fìgearan às ùire a’ sealltainn gu bheil àrdachadh 21% anns na h-àireamhan de dh’òigridh ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig aois bun-sgoile agus àrdachadh 16% aig aois àrd-sgoile thar na còig bliadhna a dh’fhalbh. Tha sinne gu mòr den bheachd gum feum an ro-innleachd nàiseanta ùr a bhith air a stiùireadh bho ìre mhinistearan gus stiùireadh nàiseanta agus buileachadh a sholarachadh, le Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu mòr an sàs anns na buidhnean foghlaim ùra. Bu chòir leudachadh air còirichean phàrantan airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus an cothrom Gàidhlig ionnsachadh a bhith aig gach sgoilear ann an Alba tro phrògram 1 + 2 mar phàirt den làn-chòir aca a dh’ionnsachadh mu dualchas cultarach beairteach na h-Alba agus a’ Ghàidhlig mar phàirt dhe.”
“Tha sinn a’ moladh gun lean Plana Nàiseanta na Gàidhlig air adhart mar ro-innleachd airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Tha sinn cuideachd a’ moladh gun tèid inbhe laghail na Gàidhlig a neartachadh tro Bhile nan Cànan Albannach ùr. Bidh iad seo air leth cudromach gus a bhith cinnteach gun lean Alba air adhart le bhith a’ leudachadh air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig gu nàiseanta.”
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le Riaghaltas na h-Alba agus na luchd-ùidh air fad gus fiosrachadh fhaighinn mu na h-ath cheumannan sa phròiseas pàrlamaid seo gus dreachd bile a leasachadh. Cuideachd, bhitheamaid a’ brosnachadh dhaoine eile gus freagairt a chur a-steach.”
Leugh am freagairt an seo.