Freagairt air Co-chomhairleachadh Poblach: Cìs Comhairle air Dàrna Dachaighean agus Dachaighean Falamh/Ìrean Neo-dachaigheil
Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach gu co-chomhairleachadh poblach Riaghaltas na h-Alba: Cìs Comhairle air Dàrna Dachaighean agus Dachaighean Falamh/Ìrean Neo-dachaigheil.
Am measg nam puingean a chaidh a thogail:
Tha grunn chùisean sòiseo-eaconamach a’ toirt buaidh air ion-obrachadh choimhearsnachdan Gàidhlig agus mar sin an cànan. Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheilear ag aithneachadh buaidh nan cùisean sin agus a’ dèiligeadh riutha.’S e taigheadas aon de na prìomh chùisean a tha a’ toirt buaidh air ionobrachadh choimhearsnachdan Gàidhlig – gu sònraichte a chosgais agus na tha ri fhaighinn. Tha seo deatamach ann a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh sluagh – luchdlabhairt na Gàidhlig nam measg.
Tha feum aig coimhearsnachdan Gàidhlig seasmhach is soirbheachail air àireamhan gu leòr de dhaoine airson fuireach ann fad na bliadhna agus ceangal aca ris an sgìre agus ri cultar is cànan an àite. Tha ceanglaichean làidir aig luchd-labhairt na Gàidhlig – agus eile – ris an àite far an do rugadh agus thogadh iad agus feumar aithneachadh gu bheil feum air na ceanglaichean sin a ghlèidheadh. Tha feum aca air àiteachan-fuirich agus tha feum aca air taigheadas freagarrach airson seo a dhèanamh – ri taobh seirbheisean a tha rim faighinn gu h-ionadail – agus cha tèid na coimhearsnachdan sin a chumail suas mura hurrainn do dhaoine gu leòr fuireach ann làn-ùine.
Gheibhear am freagairt slàn an seo.