Freagairt air Co-chomhairleachadh: Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air Achd Cùmhnant nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (Co-chorpachadh) (Alba) 2024. Am measg na puingean a chaidh a thogail thuirt sinn:
“Ged a tha farsaingeachd de dh’fhiosrachadh coitcheann ann, chan eil mion-fhiosrachadh gu leòr ann mu mar a bheir an UNCRC deagh bhuaidh air còraichean chloinne is dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig agus aig an teaghlaichean.”