Freagairt a-steach air Ro-innleachd 5 bliadhna aig IGE
Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach do cho-chomhairle aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air an Ro-innleachd 5 bliadhna ùr aca. ‘S e suirbhidh leanmhainn a th’ ann.
Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt Bòrd na Gàidhlig:
Mun SWOT: Chan eil iomradh sam bith air na dùbhlain shònraichte a tha mu choinneamh eileanan. Tha seo ann an co-theacs Plana Nàiseanta nan Eilean. Anns a’ Phlana, tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha coimhearsnachdan eileanach Gàidhlig a thaobh mairsinn is seasmhachd na Gàidhlig ann an Alba. Tha gealltanasan air feadh a’ Phlana a thaobh taic do dhaoine fa leth, do choimhearsnachdan, agus do bhuidhnean ann an coimhearsnachdan eileanach le Gàidhlig ann an cleachdadh na Gàidhlig.
Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.