Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur làrach-lìn Colmcille ùr air bhog
Tha Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte làrach-lìn ùr a chur air dòigh airson prògram Cholmcille, a tha a’ ceangal Èirinn is Alba. Thèid an làrach-lìn ùr a chur air bhog air 9 Ògmhios, Latha Fhèill Chaluim Chille. Air an làrach-lìn, chithear an suaicheantas ùr aig Colmcille, am prògram com-pàirteachais a tha a’ ceangal Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann. Tha an làrach, a tha air a ruith leis an dà bhuidhinn, ri faighinn ann an Gaeilge, Gàidhlig agus Beurla agus tha i co-fhillte le seanailean nam meadhanan sòisealta.
Stèidhich Calum Cille, naomh san 6mh linn, abaid Eilean Ì aig an robh prìomh àite ann am beatha spioradail agus cultar nas fharsainge ann an Èirinn, Alba agus ceann a tuath Shasainn. Dh’fhàg an abaid agus na stèidhean co-cheangailte rithe dìleab de phrìomh chomharran cultarail, nam measg Leabhar Cheanannais. Air an 1500mh ceann-bliadhna bho rugadh e ann an Dùn nan Gall bidh comharrachadh fad-bhliadhna, Colmcille 1500, ann eadar 7 Dùbhlachd 2020 agus 7 Dùbhlachd 2021.
Am measg nam prìomh nithean sa bhogadh, tha
- Òraid air Facebook leis an Dr. Brian Lacey, ‘Colmcille’, air 8 Ògmhios. Faodaidh tu an òraid fhaicinn le bhith a’ leantainn duilleag Facebook Colmcille (@colmcille1500).
- Bidh seinn meadhan-aoiseil airson Latha Fhèill Colm Cille, a chaidh a chlàradh air 8 Ògmhios 2019 ro oidhche na fèise, ri fhaighinn do na h-uile air Soundcloud.
- Gabhail thairis de chunntas Instagram Foras na Gaeilge stèidhichte air Colmcille le Edel Ní Churraoin, Raidió Fáilte agus Brìghde Chaimbeul air 9 Ògmhios.
- Cuiridh CHARTS duaisean ealain mhìosail agus taisbeanadh air-loidhne air bhog air 15mh Ògmhios gus ìomhaigh agus taic a thoirt do dh’obair luchd-ealain Gàidhlig mu chuspairean co-cheangailte ri Colmcille.
- Colmcille 2020: Farpais dhealbhan gus clann a bhrosnachadh gus gabhail ris na sgeulachdan air an làraich-lìn ùir. Thèid duaisean a thoirt do bhuannaichean Èirinneach agus Albannach airson dealbhan air cò ris a tha iad a’ smaoineachadh a bhiodh Colmcille coltach ann an 2020. Faodaidh tu clàradh airson an tachartais ro làimh air duilleag Facebook Comcille (@colmcille1500). Thèid na buannaichean ainmeachadh air 26 Ògmhios.
- Farpais-cheist Gaeilge/Gàidhlig air a chumail le Aodán Ó Cearbhaill agus Eoghan Stiùbhart stèidhichte air cultar agus cànanan na h-Èireann is na h-Alba.
Thuirt Seán Ó Coinn, àrd-oifigear Foras na Gaeilge “Tha Latha Fèille Cholm Cille na àm iomchaidh airson na ceanglaichean againn leis an t-saoghal Ghàidhlig nas fharsainge ann an Alba, Eilean Mhanainn agus le luchd-labhairt Gàidhlig nas fhaide air falbh ùrachadh agus a chomharrachadh. Tha mi a’ toirt cuireadh do dhaoine an làrach-lìn a chleachdadh gus càirdeas eadar Èirinn agus Alba ùrachadh.”
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Chan urrainn cuideam gu leòr a chur air cho cudromach ’s a tha Calum Cille ann an eachdraidh na h-Alba. Thàinig e a dh’Alba aig àm nuair a bha còmhstri fuilteach a’ dol air adhart eadar treubhan de laoich. Aig a’ cheann thall, dh’aonaich e chan e a-mhàin na Gàidheil, ach cuideachd na Cruithnich, a bha air luchd-ionnsaigh a chumail air ais fad linntean, a’ gabhail a-steach fiù’s neart ìmpireachd na Ròimhe.”
Faic www.colmcille.net gus an làrach-lìn ùr fhaicinn agus gus fiosrachadh fhaighinn mu na tachartasan bogaidh uile.
Thig còmhla rinn air na meadhanan sòisealta tro na tagaichean #Colmcille1500 agus #Colmcille gus ceangal a dhèanamh le coimhearsnachd eadar-mheasgte Cholmcille air-loidhne. Lean sinn air Instagram @_Colmcille gus am fiosrachadh as ùire againn fhaighinn!