Buidheann Leughaidh Phroifeiseanta
Bun-sgoil Taobh na Pàirce & Àrd-sgoil Sheumais, Comhairle Baile Dhùn Èideann
Mu dheidhinn a’ phròiseict
’S ann ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a gheibh sgoilearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an cuid foghlaim ann an Dùn Èideann. Tha FMG a’ sìor dhol am meud sa bhaile agus tha àireamhan nan sgoilearan a’ fàs gu mòr, is leis a sin an solar a thathar a’ toirt seachad.
Sna beagan bhliadhnachan, rinn sinn oidhirp mhòr na ceanglaichean a tha eadar na sgoiltean againn a neartachadh. Tha pròiseact eadar-ghluasad air leth soirbheachail againn, anns am bi tidsearan bho TnaP agus ASSG ag obair gu tric is gu cunbhalach còmhla airson dòighean-teagaisg a leasachadh, taic ionnsachaidh a neartachadh agus dàimhean a thogail.
Anns an t-Sultain 2019, chaidh dà latha leasachaidh a chumail son tidsearan TnaP agus ASSG, far an d’ fhuair tidsearan cothrom coinneachaidh agus pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach a bha gu sònraichte ag amas air tidsearan FMG. B’ ann aig an tachartas seo a chaidh cothroman CLPL a thabhainn air an luchd-obrach air fad, is rudan mar clas gràmair agus buidheann-leughaidh proifeiseanta nam measg.
Dè na h-amasan a bha aig a’ phròiseact?
Chaidh am buidheann-leughaidh a stèidheachadh airson nan tidsearan a bha airson an t-eòlas a bh’ aca air cuspairean leithid modhan-teagaisg, ceannardas ann am foghlam mhion-chànanan agus teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh. Is a thuilleadh air a sin, airson cothrom a thoirt dha thidsearan le Gàidhlig an sgilean cànain aca a chleachdadh agus a neartachadh ann an co-theacs proifeiseanta (agus uaireannan dùbhlannach!).
Aig cnag na cùise, bha sinn airson ’s gun deidheadh tidsearan FMG an sàs ann a bhith a’ sgrùdadh an rannsachaidh a th’ ann a thaobh foghlam bogaidh is gun dèanadh sinn feum dhe airson am foghlam a tha sinn a’ lìbhrigeadh a neartachadh.
Dè thachair anns a’ phròiseact?
Mar shamhla air a’ cho-obrachadh a tha a’ dol eadar an dà sgoil, tha am buidheann air a ruith le Iar-cheannard na bun-sgoil agus ceannard Roinn na Gàidhlig san àrd-sgoil. Eadar an dithis againn, bidh sinn a’ lorg phìosan leughaidh iomchaidh, ag aontachadh cheistean sgrùdaidh agus a’ cur air dòigh amannan coinneachaidh.
Tha dusan tidsear anns a’ bhuidheann seo, is bidh sinn a’ coinneachadh co-dhiù dà thuras gach teirm. Bidh sinn a’ cleachdadh Microsoft Teams airson am pìos leughaidh agus ceistean cnuasachaidh a sgaoileadh. Faodar cuideachd Microsoft Teams a chleachdadh airson ‘còmhradh’ a dhèanamh ro làimh agus às dèidh làimh, mar eisimpleir airson fiosrachadh inntinneach a sgaoileadh bho rudeigin a dh’èirich sa chòmhradh againn.
’S fhiach a ràdh cuideachd, gum bi sinn a’ coinneachadh air falbh bhon sgoil, ann an cafaidh le seòmar beag a bhios sinn glèidheadh gus am bi beagan fois agus prìobhaideachd againn. ’S e deagh dhuais a th’ ann copan cofaidh is pìos cèic fhaighinn!
Sa choinneimh mu dheireadh a bh’ againn, bha sinn air leth fortanach gun tàinig an Dr. Tim Armstrong a Dhùn Èideann airson an leabhar ùr aige – mu iomairt nan sgoiltean sa bhaile – a chur air bhog. Ghabh sinn an cothrom earrann dhen leabhair a leughadh ro làimh is rinn Tim bùth-obrach còmhla rinn, stèidhichte air cuspairean an leabhair. Chaidh am bogadh a chumail às a dèidh, is thug Mgr Swinney seachad òraid bhrosnachail mun Ghàidhlig (is pìos dhi sa Ghàidhlig) cuideachd!
An robh duilgheadasan sam bith ann a bhith a’ toirt a’ phròiseict gu buil?
’S e an rud as dorra, ’s mathaid, àm a lorg a tha freagarrach dhan a h-uile duine. Gu ruige seo, ’s ann feasgar Dhiluain aig 4.30f a bhios sinn a’ coinneachadh. Bidh sinn a’ feuchainn na cinn-latha seo a chur air dòigh greis mhòr mus coinnich sinn gus am bi cothrom aig daoine planadh timcheall orra.
Dè an dìleab a tha air a bhith aig a’ phròiseact? Dè an ath cheum?
Tha am pròiseact seo air a bhith luachmhor dhan dà sgoil. A thuilleadh air an dàimh phroifeiseanta agus na càirdeasan a neartachadh, thog na pàipearan iomadh ceist mu na dòighean sam bi sinn a’ teagasg, is tha sin air buaidh a thoirt air rudan leithid: ceartachadh Gàidhlig na cloinne, teagasg gràmar agus brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig.
’S e an ath cheum am fiosrachadh agus an t-eòlas a tha sinn air cùmhnadh sa phròiseact seo a chur ann an cruth a ghabhas cleachdadh air feadh nan sgoiltean. Tha sinn, mar eisimpleir, ag obair air poileasaidh ceartachaidh coitcheann eadar an dà sgoil agus cuideachd ag obair bhon aon fhrèam cànain gus am bi cunbhalachd agus leantaileachd anns an dòigh sa bheil sinn a’ làimhseachadh gràmair.
Dè a’ bhuaidh a thug am pròiseact air an sgoil/an luchd-ionnsachaidh?
Thug am pròiseact buaidh mhòr air coimhearsnachd agus an obair-sgioba a tha a’ dol eadar an dà sgoil. Is a thuilleadh air a sin, gu sìmplidh, tha am pròiseact air an teagasg againn a neartachadh.
Bu toigh le Bòrd na Gàidhlig taing a thoirt do Sheonaidh Charity aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig airson a bhith a’ cur seo ri chèile.