Dèan Diofar Tràth-bhliadhnaichean

Tha Dèan Diofar Tràth-bhliadhnaichean ag amas air daoine a bhrosnachadh gu dreuchd anns na tràth-bhliadhnaichean. Chaidh an iomairt a leasachadh le taic bho luchd-cleachdaidh stèidhichte ann an iomadh ùghdarras ionadail air feadh na dùthcha.

’S e ceum luachmhor ann an slighe Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a th’ anns na tràth-bhliadhnaichean agus tha e na phrìomh amas sa Phlana Nàiseanta 2023-2028.

Thathar an dòchas, le bhith a’ sealltainn a’ phailteis de chothroman a thig le dreuchd anns na Tràth-bhliadhnaichean, gun tog seo aire dhaoine gus beachdachadh air mar dhreuchd dhaibh fhèin.

 

Case Study

Lewis Laing, Oifigear Leasachaidh Theaghlaichean , Inbhir Nis

“Tha e a’ toirt tlachd mòr dhomh gu h-àraidh a bhith a’ faicinn an adhartais a bhios na pàrantan agus seann-phàrantan a’ dèanamh le an cuid Gàidhlig, biodh sin aig na clasaichean no aig na cothroman cabadaich.” 1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean? Ged a tha an obair anns a […]

16/11/2022

Barrachd >
Case Study

Debbie Lamont, Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

“Tha e mìorbhaileach. ’S e àrainneachd shunndach, càirdeil is spòrsail a th’ ann far am bi clann ri gàire, ionnsachadh is cluiche (bithidh agus mise!) agus far am bi mi a’ brosnachadh na Gàidhlig measg na cloinne, gam bogadh sa chànan” 1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean? Tha e a’ […]

16/11/2022

Barrachd >
Case Study

Ceana Mhoireasdan, Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

“Tha mi fortanach gu bheil mi ag obair ann an sgoil-àraich bheag, mar sin, tha pailteas ùine agam còmhla ris gach pàiste agus tha mi a’ cur eòlas orra uile, a’ togail dàimh dhlùth leotha. Bheir iad gàire orm gach latha leis an t-seanchas a bhios aca.”  1. Carson a thagh thu dreuchd ann an […]

16/11/2022

Barrachd >
Case Study

Sorcha Wheelan, Oifigear Leasachadh nan Tràth-bhliadhnaichean, Dùn Èideann

“Tha a’ chlann mar spongan, a’ sùghadh a-steach na chluinneas iad gun fèin-mhothachadh no dragh mu mhearachdan. Cluinnidh iad fuaimean ùra gach latha, na tha diofraichte mun Ghàidhlig an taca ris an àbhaist. Bidh e daonnan a’ cur iongnadh orm mar a ghabhas iad ris a’ chànan agus ri cothroman cluiche timcheall orra.” 1. Carson […]

09/11/2022

Barrachd >
Case Study

Hannah Lawson, Neach-cùraim chloinne, Dùn Èideann

“Tha e brosnachail a bhi a’ faicinn a’ chlann a’ gabhail spòrs, a’ fàs measail air a chèile agus a’ deanamh adhartas le diofar sgilean.” 1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean? B’ àbhaist dhomh a bhith ag obair ann an sgoil-àraich. Chòrd e gu mòr rium a bhi leis a’ […]

26/10/2022

Barrachd >
Video

Prìomh Film

Anns am bhideo seo, coinnichidh sibh ri còignear a tha ag obair ann an seirbhisean Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne, bho Ùghdarrasan Ionadail eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba.

10/10/2022

Barrachd >
x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security