Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Thòisich Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh fhoillseachadh air àireamhan ann am Foghlam Gàidhlig ann an 2009-2010 gus àireamhan nan sgoilearan ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG) a thomhas. Chaidh seo an àite rannsachadh a rinn Oilthigh Shrath Chluaidh roimhe sin.
Tha stadastaireachd nàiseanta ga cruinneachadh le Riaghaltas na h-Alba mar phàirt de Stadastaireachd do Sgoiltean an Alba a nì e gach bliadhna. Tha Bòrd na Gàidhlig den bheachd gu bheil e iomchaidh gu bheil fios mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a chruinneachadh tron aon siostam nàiseanta a chionn ‘s gu bheil seo a’ cur ri àbhaisteachadh na Gàidhlig.
Thèid dàta poblach air Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig gach bliadhna.
Dh’fhaodte gum faigh buidhnean poblach cothrom air figrichean mionaideach tro aonta co-roinn dàta – tuilleadh fios bho Bhòrd na Gàidhlig aig oifis@gaidhlig.scot.