Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Tha Foghlam Gàidhlig ann an Alba aig ìre àrd-sgoile a’ tachairt ann an dà phrìomh roinn:
- Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh
Tha an dà roinn seo gan lìbhrigeadh thairis air an Fhoghlam Fharsaing Choitcheann (AS1-AS3) agus a-steach dhan Ìre as Àirde (AS4-AS6). Tha an dà roinn cudromach airson cur ri slàinte is leasachadh a’ chànain ged a tha coltas glè dhiofraichte orra is ged a tha iad gan lìbhrigeadh ann an dòighean fa leth.
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn ann an dà roinn:
- Gàidhlig mar chuspair fhèin
- Cuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig
Gàidhlig mar chuspair fhèin
Tha Gàidhlig na cuspair litearrachd aig a bheil inbhe cho-ionann ris a’ Bheurla. Anns a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, tha i a’ tighinn fon cheann “Gàidhlig is Litearrachd”, co-ionann ri “Beurla is Litearrachd” ach le grunn Eòlasan is Builean a bharrachd a bhios a’ freagairt ri suidheachadh sònraichte na Gàidhlig.
Ann an clasaichean cunbhalach air a’ chlàr-ama, bidh sgoilearan ag obair air na sgilean litearrachd aca – leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is labhairt – tro raon farsaing de chothroman ionnsachaidh ioma-ghnìomhach is inntinneach.
Nuair a bhios sgoilearan a’ coileanadh an Fhoghlaim Fharsaing Choitchinn aig deireadh AS3, bu chòir gum bi an cothrom aca na sgilean Litearrachd aca a chumail an àird le bhith a’ gluasad air adhart gu teisteanasan sa Ghàidhlig agus tro chothroman ionnsachaidh eile.
Tha Gàidhlig ri faotainn mar theisteanas on SQA aig gach ìre Nàiseanta 1-5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach. Na lùib cuideachd, tha teisteanas Litearrachd sa Ghàidhlig a tha còir gach sgoilear Gàidhlig fhaotainn. Tha an cothrom ann cuideachd sgilean Litearrachd Ghàidhlig a leasachadh tro chuspairean eile.
Tha cothroman ann leantainn air adhart leis an ionnsachadh seo ann am foghlam treas-ìre ann an Alba.
Cuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig
Air feadh na h-Alba, tha sgoiltean a’ tabhann diofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig anns an Fhoghlam Fharsaing Choitcheann. Tha seo a’ toirt a-steach matamataig is àireamhachd, cruinn-eòlas, eachdraidh, nuadh-eòlas, saidheans, eaconamas-dachaigh, foghlam corporra is iomadh cuspair eile. Tha seo a’ crochadh gu mòr air solar luchd-obrach, ach tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le com-pàirtichean gus seo a leasachadh.
Tha cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig rim faotainn mar theisteanas on SQA aig gach ìre Nàiseanta 1-5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach. Tha seo a’ toirt a-steach cuspairean leithid Matamataig, Gnìomhachas Matamataig, Nuadh-eòlas, Eachdraidh agus Cruinn-eòlas. Airson fios as ùire mu dheidhinn na tha an SQA a’ tabhann, coimhead ris an làrach-lìn acasan.
Bu chòir gum bi cothroman aig sgoilearan cuspairean nach eil airson teisteanasan leithid Foghlam Corporra coitcheann, Foghlam Sòisealta is Pearsanta agus Foghlam Creideimh is Moralta coitcheann a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd anns an Ìre as Àirde.
Tha goireasan airson a h-uile càil an seo rim faotainn bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.
Gàidhlig taobh a-muigh agus às dèidh na sgoile
Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le buidhnean airson gum bi cothroman aig sgoilearan Gàidhlig an cànan a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Tha raon farsaing de chothroman ann an spòrs, ceòl, is cur-seachadan eile tro mheadhan na Gàidhlig a tha a’ cur ris an eòlas aig sgoilearan air a’ chànan ann an diofar shuidheachaidhean.
Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gu bheil sgoilearan àrd-sgoile a’ faicinn nan cothroman a th’ ann sgilean Gàidhlig a chleachdadh ann an saoghal na h-obrach. Tha seo cudromach ann an obraichean ceangailte ris a’ Ghàidhlig, ach cuideachd ann an obair sam bith air feadh an t-saoghail. Tha barrachd fiosrachaidh aig Leasachadh Sgilean na h-Alba.
Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh
Tha Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh a’ suidhe còmhla ris na Nuadh-chànanan eile ann an Alba. Bidh Gàidhlig air a h-ionnsachadh mar dhara cànan san aon dòigh ’s a tha Fraingis is cànanan eile gan teagasg.
Anns an Fhoghlam Fharsaing Choitcheann (AS1-AS3), tha an cothrom ann Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh a thabhann mar L2 no L3 (fon phoileasaidh Cànanan 1+2 aig Riaghaltas na h-Aba), agus tha còir aig sgoilearan air leantainneachd leis na cànanan a rinn iad sa bhun-sgoil.
A’ gluasad a-steach dhan Ìre as Àirde (AS4-AS6), tha Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ri faotainn mar theisteanas SQA aig Ììrean Nàiseanta 3-5, Àrd-ìre agus Àrd-ìre Adhartach. Tha na teisteanasan airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) co-ionnan ann an structar ris na cànanan eile, leithid Fraingis, Spàinntis, Gearmailtis, Eadailtis is Mandairinis. Cuideachd, tha grunn aonadan is theisteanasan eile ann a bhios a’ measadh sgilean cànain sa Ghàidhlig a tha freagarrach airson oileanaich àrd-sgoile bho ìre SCQF 3 gu ìre SCQF 7.
Airson sgoiltean is ùghdarrasan far nach eil Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ga tabhann le tidsear san sgoil fhèin, tha cothroman ann Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) a dhèanamh aig ìre teisteanais tro chùrsaichean air-loidhne, aig astar is aig colaiste treas-ìre. Thathar an dùil gum bi sgoiltean a’ sanasachd nan cothroman seo is a’ brosnachadh sgoilearan na cothroman seo a ghabhail ma tha iad gan iarraidh.
Tha cothroman ann leantainn air adhart leis an ionnsachadh seo san treas-ìre de dh’fhoghlam ann an Alba.
Taic do Sgiobaidhean Ceannais aig Ìre Àrd-sgoile
Bu chòir gun lean bogadh san àrd-sgoil airson a h-uile sgoilear a tha air tighinn tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Bu chòir sgiobaidhean ceannais anns a h-uile sgoil a bhios a’ dèiligeadh ri Gàidhlig a bhith eòlach air an Stiùireadh Reachdail air Foghlam Gàidhlig.
Bu chòir planadh airson fàs ann am Foghlam Gàidhlig, gu h-àraidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith an lùib bun-phlanadh coitcheann na h-àrd-sgoile. Tha e cudromach gum brosnaich sgoiltean àrainneachdan taiceil airson foghlam Gàidhlig anns na sgoiltean aca tro chòmhraidhean le luchd-obrach agus luchd-ionnsachaidh.
Bidh ar com-pàirtichean a’ toirt seachad taic is stiùireadh cuideachd, anns a’ Chomhairle mu Fhoghlam Gàidhlig, agus an aithisg air toraidhean sgrùdaidh aig Foghlam Alba.
Ma tha ceist agad mar cheannard no ball de sgioba ceannais ann an àrd-sgoil le dleastanas airson foghlam Gàidhlig san sgoil agad, faodaidh tu fios a chur thugainn aig BnG uair sam bith.
Teagasg sa Ghàidhlig aig Ìre Àrd-sgoile
Tha sàr thidsearan aig cridhe ath-bheòthachadh is leasachadh na Gàidhlig, agus tha e na phrìomhachas aig Bòrd na Gàidhlig is a chom-pàirtichean a bhith a’ cumail taic ri seo. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ teagasg an-seo.