Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail air na h-aithrisean timcheall air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gainnead de thidsearan airson seo a lìbhrigeadh a th’ air a bhith anns na naidheachdan thar na seachdainean a dh’fhalbh.
Tha dleastanas aig Bòrd na Gàidhlig gus Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh. Tha dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail gus foghlam a lìbhrigeadh agus a thaobh tidsearan a thrusadh agus gleidheadh. Tha dleastanasan aig Comhairle Maoineachadh na h-Alba, GTCS agus oilthighean a thaobh trèanadh thidsearan.
Dh’obraich Bòrd na Gàidhlig le oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus Baile Obair Dheathain gus molaidhean a dhèanamh air gnìomhan a bhiodh a’ toirt taic a thaobh a bhith a’ trusadh agus a’ gleidheadh thidsearan agus chaidh an aithisg sin thuca an-uiridh. Air a ghabhail a-steach dhan aithisg bha molaidhean leithid dreuchdan teagaisg a dhèanamh nas tarraingiche le bhith a’ tabhann chùmhnantan maireannach, làn-ùine, structaran adhartachaidh a chruthachadh, agus a bhith a’ dèiligeadh ri cùisean leithid taigheadas aig prìs ruigsinneach.
San dàrna phàirt den aithisg bha molaidhean ann gus an suidheachadh nàiseanta a leasachadh agus chaidh an aithisg seo do bhuidhnean eadar-dhealaichte, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd nam measg. A-rèir an dàta as ùire bho Riaghaltas na h-Alba, tha còrr air trian de thidsearan le teisteanas airson a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig an-dràsta a’ teagasg tro mheadhan na Beurla. Faodar an aithisg slàn a leughadh an seo.
A bharrachd air sin, bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gus daoine a bhrosnachadh gus dreuchd a bhith aca ann an teagasg tro iomairt #DèanDiofar, #DèanDiofar nan Tràth-bhliadhnaichean agus co-obrachadh le iomadach buidheann eile. Tha Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) aig BnG a bhios a’ tadhal air sgoiltean agus oilthighean gus teagasg a thoirt do dh’aire dhaoine mar dhreuchd.
Tha sgeamaichean maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig gus daoine a tha a’ beachdachadh air an dreuchd aca atharrachadh airson trèanadh a bhith nan tidsear a bhrosnachadh, dha oileanaich a tha a’ gabhail os làimh Tùs-thrèanadh Thidsear, dhaibhsan a tha clàraichte mar thidsear mar-thà ach tro mheadhan na Beurla gus cùrsa bogaidh a dhèanamh airson cothrom a thoirt dhaibh a bhith a’ teagasg sa Ghàidhlig agus taic cuideachd do thidsearan pròbhaidh.